Johann NicLaomainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt Eòrpach nan Làbarach

7 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chuir am Pàrtaidh Làbarach ann an Alba an iomairt aca airson Taghadh Pàrlamaid na h-Eòrpa air bhog Dihaoine.

Thuirt ceannard a' phàrtaidh ann an Alba, Johann NicLaomainn, gun gabhadh an t-Aonadh Eòrpach a chleachdadh airson tuilleadh obraichean a chruthachadh do dhaoine òga, cuir às do chùmhnantan obrach gun uairean stèidhichte, agus smachd fhaighinn air bònusan nam bancairean.

An-dràsta, tha dithis bhall Làbarach a' riochdachadh muinntir na h-Alba aig ìre Eòrpaich.

Le tuilleadh, seo Eilidh NicAsgaill.