Àrd-Sheanadh a' deasbad neo-eisimeileachd
- Air fhoillseachadh

Cumaidh Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba deasbad air an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.
Thèid an deasbad a chumail air 20mh an Cèitean, le luchd-labhairt air gach taobh an deasbaid.
Tha Eaglais na h-Alba ga cumail fhèin gun taobhadh san deasbad.
Thuirt an Eaglais gun robh iad ag aithneachadh gun robh na h-uimhir aig an cuid mhinistearan agus bhall ri chur ris an deasbad ge-tà.
Cha tig atharrachadh ann an seasamh Eaglais na h-Alba a thaobh neo-eisimeileachd às an deasbad.
Cathraiche
'S e Modaràtar Ainmichte an Àrd-Sheanaidh, an t-Urr. Iain Chalmers, a bhios sa chathair air an deasbad.
"Cho-dhùin mi gun rachainn os cionn còmhraidh anns am faod na coimiseanairean agus càch an cuid lèirsinn air an referendum a roinn, gu seachd àraid mar a tha iad a' tarraing taic dhan lèirsinn sin bho an cuid chreidimh Chrìosdail," thuirt e.
"Fhad 's a tha gu leòr den deasbad timcheall air an referendum air a bhith na adhbhar còmhstrì, tha an Eaglais ag aithneachadh gu bheil feum air còmhradh urramach, le earbsa agus spèis.
"Ge b' e ciamar a bhòtas sinn san t-Sultain, feumaidh sinn tighinn beò san àm ri teachd le cuimhne agus buile nan deasbadan agus nan gnìomhan a bhios againn an-dràsta," thuirt e.
Luchd-labhairt
Cluinnidh an Àrd-Sheanadh bho cheathrar labhraichean mus tèid an t-seisean fhosgladh gu beachdan bhon luchd-èisteachd.
Bruidhnidh an seann Mhodaràtar, Alison Elliot OBE, mu chuid de na ceistean mòra a tha mu choinneimh dhaoine nach do cho-dhùin fhathast cò an taobh a bhòtas iad.
Bruidhnidh an t-ùghdar agus òraidiche an t-Urr. Dr. Doug Gay bho Oilthigh Ghlaschu às leth na h-iomairt Bu Chòir Alba.
Bruidhnidh am BP Dùghlas Alexander às leth na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla.
Beachdaichidh John Sturrock QC - a tha a' cur air adhart beachd gum feumar còmhradh urramach a chumail air an àm ri teachd do dh'Alba - an uair sin air an deasbad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 26 An Gearran 2014