Gearain mu dìth riochdachaidh
- Air fhoillseachadh

Tha comhairlichean agus comhairlean coimhearsnachd eadar Èirisgeigh is Beàrnaraigh na Hearadh air aontachadh obrachadh còmhla gus am bi guth nas làidire aig an sgìre.
Tha dragh air cuid nach eil Uibhist air a riochdachadh mar bu chòir, mar a tha gnothaichean an-dràsta.
Chan eil gin de chomhairlichean Uibhist os cionn comataidh aig Comhairle nan Eilean Siar, agus chan eil duine aca air a' Bhòrd Shlàinte.
Tha iad cuideachd airson 's gun tèid an riochdachadh gu ìre nas motha nuair a thig e gu seirbheisean aiseig is eile.
Laigsean
Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan: "Bha sinn a' coimhead gun robh laigse anns an dòigh a bha gnothaichean ag obair an Uibhist, nach robh guth làidir gu leòr againn.
"Bhathar a' faireachdainn, ma bha cuspairean a bha a' bualadh air Uibhist fhèin, gun robh sinn na b' fheàrr tighinn còmhla o Èirisgeidh gu Beàrnaraigh, mar bhuidhinn de chomhairlean coimhearsnachd agus de chomhairlichean."
Leis nach eil oifigich aig àrd-ìre, no cathraichean comataidh à Uibhist sa Chomhairle an-dràsta, bheachdaich Mgr Robasdan gum bu chòir do Chomhairliche Uibhisteach a bhith aig an stiùir air fear de chomataidhean na Comhairle.
"Tha mi a' smaoineachadh bho thòisich a' Chomhairle gu bheil sin air a bhith ann.
"Tha e gu math mì-chothromach a-niste mar a tha an gnothach, thathar a' faireachdainn gu bheil laigse uabhasach anns an t-siostam mar a tha e an-dràsta," thuirt e.
Èisteachd
Thuirt e gu bheilear air còmhraidhean a chumail leis a' Chomhairle mu na draghannan a th' aca.
"Chan urrainn dhomh gearain mun Chomhairle, èistidh iad riut gun teagamh, 's gheibh sinne mar chomhairlichean à Uibhist cothrom na draghannan a th' againn a chur air am beulaibh.
"Chan urrainn dhuinn sin a dhèanamh aig a' Bhòrd Shlàinte, no bòrd CalMac, no buidhnean eile a tha a' dèiligeadh rinn an seo ann an Uibhist," thuirt Mgr Robasdan.
Thuirt e gu bheilear gu sònraichte draghail mu sheirbheisean slàinte na sgìre; thathar a' faireachdainn nach eil na seirbheisean a thathas a' faighinn an Uibhist buileach cho math 's a bu chòir.
Thathar cuideachd airson sùil a thoirt air gnothaichean còmhdhail, leithid aiseagan, itealain agus busaichean nan sgìrean.
Chaidh beachdachadh air na gnothaichean seo uile aig coinneimh air oidhche Mhàirt agus thathar a-nis an dùil coinneachadh ri buidhnean fa leth gus piseach a thoirt air cùisean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 9 An Giblean 2014
- 6 An Gearran 2014