Barrachd tuigse ann an Slèite

Uisge Image copyright Getty Images
Image caption Tha dragh air muinntir Shlèite nach bi an aon loch a tha gam frithealadh mòr gu leòr airson an cuid fheumalachdan anns an ùine fhada.

Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gum feum iad tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a dh'fhaodadh fàs ann an Slèite san Eilean Sgitheanach cuideam a chur air seirbheis uisge na sgìre san àm ri teachd.

Tha dragh air muinntir an àite nach bi an aon loch a tha gam frithealadh mòr gu leòr airson an cuid fheumalachdan anns an ùine fhada.

Aig coinneimh phoblaich san sgìre air oidhche Mhàirt, ghabh a' bhuidheann phoblach ris gum feumadh iad sùil às ùr a thoirt air a' ghnothach.

Thuirt Uisge na h-Alba gun robh iad an dòchas gun tòisicheadh obair air sìoltachain ùra san ionad-uisge cho luath 's a ghabhas, ged a dh'fhaodadh dàil a bhith air an sin agus còmhraidhean a' dol feuch am faigh iad air cosgaisean a lùghdachadh.

Ach, ao-coltach ri coinneamhan poblach eile mun chuspair, bha a h-uile duine a bh' ann toilichte le freagairtean na buidhne.

Riaraichte

Thuirt Cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Ruairidh Moireach, gu bheilear riaraichte, 's iad den bheachd gu bheil tuigse aig Uisge na h-Alba a-nis air suidheachadh na sgìre.

"Ged a tha sinn air an iomall, ged a tha sinn fada air falbh, 's e sgìre adhartach a tha seo. Tha leasachadh a' tachairt fad na tìde.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Uisge na h-Alba a' tuigsinn sin, agus gum bi feum againn gum bi seirbheis mhath againn ga faighinn bhuapa," thuirt e.

Ged a tha e na adhbhar dragh dhan choimhearsnachd gum faodadh Geamhradh eile a dhol seachad far am feumadh Uisge na h-Alba tancairean de dh'uisge a thoirt a-steach às a' Chaol, thuirt Mgr Moireach gu bheilear air an làimh eile a' faicinn gu bheil ceann a' tighinn air na trioblaidean a bh' aca sna trì bliadhna a chaidh seachad.

"Mura tachair e air an t-Samhradh seo, bidh e a' tachairt anns na mìosan às dèidh sin, agus tha mi an dòchas, às dèidh sin, gum bi cùisean gu math rèidh againn."

Feumalachdan

Nochd draghan roimhe nach eil Loch MhicIlleMhìcheil mòr gu leòr airson feumalachdan na sgìre anns an àm ri teachd.

Thuirt Mgr Moireach gu bheil a' bhuidheann den bheachd gu bheil gu leòr uisge innte "airson nan sia no deich bliadhna a tha romhainn, 's màithte deugachadh de bhliadhnaichean".

Nuair a dh'fhàsas an sgìre chun na h-ìre sin, thuirt e gum feumar sùil às ùr a thoirt air a' chùis.

Thuirt e gu bheil muinntir na sgìre riaraichte gu bheil a' chompanaidh a-nis mothachail gur dòcha gum feum iad sin a dhèanamh sna bliadhnaichean a tha romhpa, cùis air nach robh a' bhuidheann mothachail roimhe.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile