Rabhadh do luchd-motor-baidhsagal

  • Air fhoillseachadh
Poileasman ri taobh motor-baidhsagalTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha na poilis air rabhadh gum bu chòir do luchd nam motor-baidhsagal gabhail air an socair.

Tha rabhadh ga thoirt do luchd-motor-baidhsagal a bhith faiceallach air na rathaidean agus seusan an t-Samhraidh a' tòiseachadh.

Chaill triùir a bh' air motor-baidhsagal am beatha ann an tubaistean rathaid air Ghàidhealtachd sa chola-deug a dh'fhalbh.

Bha tubaistean marbhtach aig an ìre as ìsle riamh ann an 2012, ach tha Poileas na h-Alba air rabhadh gum bu chòir do luchd nam motor-baidhsagal gabhail air an socair agus a bhith gu math faiceallach nuair a tha iad air chuairt.

Tha figearan a' sealltainn nach eil ann am motor-baidhsagalan ach 1% de na carbadan air fad a th' air rathaidean na dùthcha.

'S e feadhainn a bha air motor-baidhsagalan ge-tà a bha ann an 12% de na bhàsaich ann an tubaistean rathaid.

'S e fireannaich a th' ann an 90% dhuibh, 's bha an treas cuid eadar 40 is 49 bliadhna de dh'aois.

Bidh a' mhòr-chuid de thubaistean a' tachairt eadar an Giblean agus an t-Sultain, nuair a tha barrachd mhotor-baidhsagalan air na rathaidean, ann an sgìrean iomallach gu h-àraidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh