Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Co-op

Thuirt am Morair Myners, a bha na mhinistear airson ionmhais anns na riaghaltas Làbarach mu dheireadh, nach seas an Co-op fada mur a tig atharrachadh mòr air dòighean-obrach na buidhne. Thuirt am Morair, ann an ath-sgrùdadh air a' Cho-op, gu bheil bòrd-stiùiridh na buidhne an ìre mhath gun fheum. Bha call de £2.5bn air a' Cho-op an-uiridh. Dh'fhàg am Morair Myners fhèin àite air a' bhòrd-stiùiridh air a' mhìos a chaidh, agus thuirt e gu bheil a' bhuidheann air a bhith ann an trioblaid bho chionn ùine.

Paul Flowers

Chaidh càin £400 an-diugh air seann chathraiche Banca a' Cho-op, Paul Flowers, nuair a dh'aidich e aig Cùirt nam Maighstirean-Lagha ann an Leeds gun robh drogaichean mì-laghail aige na chuideachd an-uiridh. Dh'fhàg Flowers, a tha 63, bòrd Banca a' Cho-op anns an Ògmhios an-uiridh. Chaidh a chasg cuideachd bho a dhreuchd mar mhinistear anns an Eaglais Methodist, agus bho bhallrachd anns a' Phàrtaidh Làbarach.

Teaghlaichean Bochda

Thuirt Bunaid Iòsaf Rowntree gum feum mòran a bharrachd a dhèanamh do chloinn à teaghlaichean bochda mu choinneimh beàrn ann am foghlam ann an sgoiltean na h-Alba. Tha a' bhunaid ag ràdh gu bheil clann à teaghlaichean bochda, mun àm a tha iad còig bliadhna de dh'aois, mu bhliadhna air dheireadh nam foghlam air cloinn à teaghlaichean nas fheàrr dheth. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad an dìcheall sin a chur ceart.

Nigeria

Tha na Stàitean Aonaichte a' dol an sàs an an suidheachadh nan nighnean-sgoile a tha gan cur am bruid ann an Nigeria. Thuirt an Ceann-Suidhe Obama gur e seo an cothrom dhan t-saoghal rudeigin a dhèanamh mun bhuidhinn cheannairc Boko Haram a dh'fhalbh leis a' chloinn. Tha sgioba de dh'eòlaichean Aimeireaganach eadar saighdearan, luchd-lagha agus comhairlichean eile ann an Nigeria.

Riochdachadh Uibhist

Dh'aontaich comhairlean coimhearsnachd agus comhairlichean eadar Beàrnaraigh na Hearadh agus Èirisgeigh co-obrachadh mar dhòigh air guth nas làidire a thoirt dha na h-eileanan mu dheas. Tha gearain ann nach eil Uibhist a' faighinn èisteachd cheart aig ìre Chomhairle nan Eilean Siar, agus chan eil, an-dràsta, duine de chomhairlichean Uibhist ann an cathair comataidh aig a' Chomhairle. Bidh a' bhuidheann ùr cuideachd a' togail air cùisean a tha cudromach dhan sgìre, leithid slàinte agus goireasan siubhail poblach.

Seòmraichean Malairt Bhreatainn

Tha mòr-chuid de bhallrachd Sheòmraichean Malairt Bhreatainn ann an Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath ag iarraidh Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha rannsachadh a rinn na seòmraichean malairt ag ràdh nach eil dad de dhùil aig companaidhean nach eil stèidhichte an Alba ri cothroman ùra le neo-eisimeileachd. Dh'iarradh an treas cuid aonta mu ruith-airgid nam bitheadh neo-eisimeileachd ann, agus tha a' mhòr-chuid ag iarraidh atharrachadh san taic-airgid do dh'Alba ma thèid an referendum an aghaidh neo-eisimeileachd. Tha an SNP ag ràdh gu bheil sin fhèin a' dearbhadh gum feum bhòtadh airson neo-eisimeileachd airson Alba a dhìon bho ghearraidhean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Uisge Shlèite

Thàinig Uisge na h-Alba 's muinntir Shlèite san Eilean Sgitheanach gu tuigse nas fheàrr air a chèile aig coinneimh an-raoir mu thrioblaidean uisge na sgìre. Thuirt Uisge na h-Alba gum feum iad aire a thoirt dhan dòigh anns a bheil leasachadh agus leudachadh san sgìre a' cur cuideim air seirbheisean-uisge. Thuirt iad cuideachd gu bheil iad an dùil tòiseachadh a dh'aithghearr air uidheamachd ùr a chur an sàs aon uair 's gun tèid cosgaisean na sgeama aontachadh.