Gnìomhachasan taobh a-muigh Alba a' cur taic ris an Aonadh
- Air fhoillseachadh

Tha a' mhòr-chuid de ghnìomhachasan taobh a-muigh Alba airson 's gum fan Alba na pàirt den Rìoghachd Aonaichte, a rèir sgrùdaidh a rinneadh le Seòmraichean Malairt Bhreatainn.
Bha còrr is a dhàrna leth airson ath-leasachadh a thoirt air an t-siostam a tha a' dearbhadh na tha dùthchannan taobh a-staigh Bhreatainn a' faighinn de dh'airgead phoblach bho roinn ionmhais Bhreatainn gach bliadhna - am Barnett Formula.
Thuirt còrr is 90% nach robh an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba air buaidh a thoirt air an co-dhùnaidhean gnothachais.
Chaidh sgrùdadh a dhèanamh le 2,381 buill à Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, air thoiseach air an referendum air an 18mh là den t-Sultain.
Thuirt Ceannard Sheòmraichean Malairt Bhreatainn, Iain Longworth, gu bheil ceistean rim freagairt a thaobh gnìomhachais, ge bith dè an taobh a thèid an referendum.
Thuirt an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a th' airson an t-Aonadh a chumail, gu bheil an sgrùdadh a' toirt slaic eile don iomairt airson neo-eisimeileachd, ach tha an SNP ag ràdh gu bheil e a' dearbhadh gum feumar bhòtadh airson neo-eisimeileachd.
A rèir an sgrùdaidh, bha 85% de ghnìomhachasan ag iarraidh air Alba fuireach anns an Aonadh, le 11% ag ràdh gum bu chòir do dh'Alba a bhith neo-eisimeileach.
Nan deadh neo-eisimileachd a dhiùltadh ge-tà, thuirt 63% de chompanaidhean gum feumadh cruth-atharrachadh a thighinn air an dòigh anns a bheil dùthchannan taobh a-staigh Bhreatainn air am maoineachadh le Roinn an Ionmhais.
Am measg lorgaidhean an sgrùdaidh:
- Thuirt cairteal de ghnìomhachasan gum bu chòir tuilleadh chumhachdan a thoirt do Holyrood nan deadh neo-eisimeileachd a dhiùltadh, agus thuirt 21% gum bu chòir nas lugha a bhith aice
- Chan eil 63% de chompanaidhean taobh a-muigh Alba a' sùileachadh gun tigeadh cothroman ùra ri linn neo-eisimeileachd
- Thuirt 26% gur e malairt thar nan crìochan eadar Alba is Sasainn an cunnart as motha a thigeadh le neo-eisimeileachd, le 47% ag ràdh gur e aonadh-airgid ann an Alba neo-eisimeileach as cudromaiche do an gnìomhachas
- Tha 35% de ghnìomhachasan ag iarraidh aonadh-airgid, ma 's e agus gum bhòt Alba airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail
- Thuirt 28% gum bu chòir a h-airgead fhèin a bhith aig Alba neo-eisimeileach, le 18% ag iarraidh a dhol dhan Euro agus 8% airson an Not a chumail taobh a-muigh aonadh-airgid
- Thuirt 91% nach robh an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba air buaidh a thoirt air an co-dhùnaidhean gnothachais, ged a thuirt 11% de chompanaidhean gun robh an deasbad air droch bhuaidh a thoirt air ìrean-reic, an coimeas ri 5% anns an Lùnastal 2013
Tha diofar bheachdan air nochdadh san deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba, le mòran ghnìomhachasan mòra air mìneachadh a thoirt air a' bhuaidh a bhiodh aig neo-eisimeileachd orrasan.
Tha cuid air planaichean tuiteamais a dheasachadh gus obraichean a ghluasad nam bhòtadh Alba airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail, agus cuid eile den bheachd nach toireadh e buaidh sam bith orra, no gum biodh e na bhuannachd.
Thuirt Seòmraichean Malairt Bhreatainn, a rinn an sgrùdadh eadar 14-17mh an Giblean, gu bheilear gu tur neo-phàirteach san deasbad.