Rabhadh do phoidsearan an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Abhainn Nis
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh aithisg mu aon duine a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Bidh poilis agus bàillidhean-uisge ri faire air Loch Nis agus Abhainn Nis thar na bliadhna ri teachd 's iad gu bhith ag amas air poidsearan a ghlacadh.

Chaidh bruidhinn ri ochdnar iasgairean a bh' ann am bàtaichean agus ochdnar a bha ag iasgach air a' chladach an deireadh-seachdain a chaidh gus dèanamh cinnteach gun robh cead iasgaich aca.

Bha a' mhòr-chuid dhiubh sin a' cumail ris na riaghailtean, ged a chaidh comhairle a thoirt dha feadhainn dhiubh.

Chaidh aithisg mu aon duine a chur gu Neach-casaid a' Chrùin, fo amharas gun robh e ri poidseadh.

Thuirt Stiùiriche Bhòrd Iasgaich Nis, Chris Conroy, gur e eucoir a th' ann a bhith ag iasgach gun chead agus gur ann a chuireas na riaghailtean a th' ann dìon air àireamh nam breac agus a' bhradain - rud a tha gu math cudromach dhan eaconamaidh thurasachd.

Tha smachd fhaighinn air poidsearan am measg nam prìomh amasan a tha Poilis na h-Alba a' cur rompha fhèin a thaobh eucoir fiadh-bheatha.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh