Comhairle nan Eilean Siar gan dìon fhèin
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air an dòigh anns a bheil Èirisgeidh, Uibhist is Beàrnaraigh na Hearadh gan riochdachadh a dhìon.
Chaidh ceistean a thogail às dèidh do chomhairlean coimhearsnachd is comhairlichean às na sgìrean sin aontachadh obrachadh còmhla airson guth nas làidire a thoirt dhaibh.
Tha a' Chomhairle air na thathas a' cur rompha a mholadh, agus thuirt iad gun lùigeadh iad gun tachradh an aon rud ann an Leòdhas agus na Hearadh.
Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach: "Tha sinn air a bhith a' feuchainn ri brosnachadh a thoirt dha na comhairlean coimhearsnachd ann an Leòdhas agus na Hearadh airson comann den t-seòrsa seo a stèidheachadh bho chionn iomadach bliadhna agus, gu ruige seo, chan eil e air tachairt.
"Tha sinn toilichte dha-rìribh gu bheileas air a dhèanamh ann an Uibhist is Barraigh agus 's dòcha gum bi sin na mhisneachd do na comhairlean coimhearsnachd ann an Leòdhas agus na Hearadh, 's gun gabh iadsan an ceum sin, oir neartaichidh e an guth acasan cuideachd," thuirt e.
Dreuchdan
Tha cuid, an Comh. Uisdean Robasdan nam measg, ag iarraidh gum bi barrachd dhaoine à Uibhist agus Barraigh ann an dreuchdan aig àrd-ìre, leithid chathraichean comataidh.
Bheachdaich Mgr Dòmhnallach gur e beachd pearsanta a bha seo agus, a rèir an t-siostaim a th' aca taobh a-staigh na Comhairle, thuirt e gur e na comataidhean fa leth a tha a' taghadh nan cathraichean 's nan iar-chathraichean.
Thuirt e gu bheil buill gan taghadh ann an dòigh dheamocrataich agus nach gabhadh dreuchdan a lìonadh a rèir cheàrnaidhean sònraichte.
"Chan eil mi a' gabhail ris gu bheil sgaradh sam bith ann eadar tuath agus deas, no fiù 's eadar an tuath agus leithid baile Steòrnabhaigh.
"Chan e rud fallain a tha sin ann an suidheachadh sam bith," thuirt e.
Co-dhùnaidhean
Tha teagamhan cuideachd air nochdadh gu bheil na h-uimhir de cho-dhùnaidhean na Comhairle air an dèanamh ann an Steòrnabhagh.
Thuirt Mgr Dòmhnallach gur e sin an adhbhar a tha daoine às gach ceàrnaidh a' taghadh riochdairean mar chomhairlichean - airson na beachdan aca a nochdadh agus an ùidh aca a riochdachadh air a' Chomhairle.
Thuirt e gu bheil cothrom aig muinntir Uibhist is Bharraigh mar-thà a dhol an sàs ann an co-dhùnaidhean.
Tha dleastanas air na comhairlichean fa leth, thuirt e, guth a thoirt do na coimhearsnachdan ann an co-dhùnaidhean a tha a' bualadh orra.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 8 An Cèitean 2014
- 7 An Cèitean 2014