Uainich na h-Alba ag amas air BPE

Pàdraig Harvey Image copyright PA
Image caption Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba ag amas air seat fhaighinn sa Pàrlamaid Eòrpaich son a' chiad turais.

Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba air gealltainn dìon a chur air seirbheisean poblach agus stad a chur air còmhstri, 's am pàrtaidh ag amas air seat fhaighinn sa Phàrlamaid Eòrpaich airson a' chiad turais.

Thuirt Co-Cheannard a' phàrtaidh, Pàdraig Harvie, gu bheil amasan nan Uaineach airson sìth agus ceartas eaconamach calg-dhìreach an aghaidh seasamh phàrtaidhean leithid UKIP, anns a h-uile dòigh.

Tha na h-Uainich cuideachd dòchasach gum bi lùghdachadh ann am bhòt nan Lib-Deamach na chuideachadh dhaibhsan gus siathamh seat Eòrpach na h-Alba fhaighinn air an 22mh là den Chèitean.

Tha dà seat aig a' phàrtaidh an-dràsta anns a' Phàrlamaid Albannaich.

A' bruidhinn ann an Dùn Èideann, thuirt Mgr Harvie gur e a dhol an sàs anns an "t-siostam eaconamach bhriste" aon de phoileasaidhean bunaiteach nan Uaineach, 's e ag ràdh: "Tha sinn mar aon de na dùthchannan as beartaiche san t-saoghal, ach tha na uimhir de dhaoine fhathast a' faireachdainn nach eil diù againn."

Buaidh

Thuirt e gum biodh timcheall air aon bhòt às gach deich gu leòr airson buaidh a thoirt do BhPE Uaineach Albannach san taghadh, 's e cuideachd a' moladh obair chruaidh a' phàrtaidh ann an Holyrood agus na "beachdan luachmhor" a chaidh a chur ris an deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thuirt Mgr Harvie gu bheil UKIP "far an rèidear gu mòr" ann an Alba, ach thug e rabhadh gum faodadh an aire a thèid a thoirt do Farage is eile sna meadhanan ann an Sasainn beagan spionnadh a thoirt dhaibh an Alba.

"Fhad 's a tha mi misneachail gun cuir muinntir na h-Alba cùl ri UKIP sna taghaidhean, 's e an dòigh as cumhachdaiche air sin a dhèanamh taic a thoirt do Pàrtaidh Uaine na h-Alba, am pàrtaidh as ao-coltaiche ri UKIP."

Anns an taghadh Eòrpach mu dheireadh, fhuair na h-Uainich 7% den bhòt; an turas seo, tha iad ag amas air 10% agus àite anns a' Phàrlamaid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile