Ceistean mu sheirbheisean sheann daoine

Bàgh a' Chaisteil
Image caption Tha ceistean air nochdadh mun ghoireas cùraim do sheann daoine.

Iarraidh muinntir Bharraigh freagairtean aig coinneimh phoblaich mu sheirbheisean do sheann daoine ann an ospadal ùr an eilein.

Foillsichidh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar am plana as ùire aca airson a' phròiseict agus iad am beachd dachaigh-chùraim Bharraigh a chur ris an ospadal ùr.

Dh'fhaodadh obair air an ospadal ùr tòiseachadh an taobh a-staigh bliadhna.

Tha ceistean ge-tà air nochdadh mun ghoireas chùraim do sheann daoine, 's tha muinntir na sgìre dòchasach gum bi cùisean nas soilleire an dèidh na coinneimh oidhche Ardaoin.

"Tha obair mhòr ga dhèanamh agus tha e a' gluasad air aghaidh aig astar, 's tha sin math," thuirt an Comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford.

Freagarrach agus comasach

"Aig an ìre seo chan eil e cho soilleir gu dè an t-seòrsa seirbheis a bhios ga thoirt seachad, agus feumar a thuigsinn gu domhainn," thuirt e.

Thuirt Mgr Manford gu bheil muinntir Bharraigh airson a bhith cinnteach gum bi na goireasan ùra "freagarrach agus comasach" air an leithid de sheirbheis a th' aca an-dràsta a thoirt seachad.

Leis gur e dòighean-obrach ùra, eadar-dhealaichte a tha san amharc, thathas airson a bhith cinnteach gum bi e soirbheachail.

"Tha ceistean ann gun teagamh - dòighean ùra, dòighean eadar-dhealaichte.

"Chan e gu bheil dragh air an t-saoghal againn bho rud ùr sam bith, 's tha sinn gu math taiceil dha leithid sin," thuirt Mgr Manford.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile