Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dochann san Dachaigh

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an lagh mu dhochann anns an dachaigh a neartachadh. Thuirt Àrd-Neach-Lagha a' Chrùin an Alba, Lesley NicThòmais QC, aig co-labhairt ann an Glaschu nach eil an lagh a th' ann freagarrach ann an iomadh suidheachadh. Chuir buidhnean a tha a' toirt taic do dh'fheadhainn a dh'fhulang dochann anns an dachaigh fàilte air na molaidhean.

Ionadan Tubaiste is Èiginn

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil an ùine a dh'fheumas daoine feitheamh ri sealltainn riutha nan an ionadan tubaiste is èiginn aig ospadail na h-Alba a' sìor-fhàs nas fhaide. Bha àrdachadh a thrì uimhir eadar 2009 's 2013 san àireamh euslainteach air an tàinig feitheamh nas fhaide na ceithir uairean de thìde. Tha e coltach gur e cion luchd-obrach, an tinneas Noro-bhìoras air a' Gheamhradh ann an 2012, agus sluagh a tha a' sìor-fhàs nas sine as motha a thug buaidh air sin. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil an t-airgead a tha iad a' cosg air cùram ann an èiginn a' dèanamh faochaidh mar thà air an t-suidheachadh sin.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid beachd an t-sluaigh iarraidh air càite am bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd còrr is £60m a ghearradh às a' bhuidseat thairis air an ath cheithir bliadhna. Tha a' chùis ga deasbad an-diugh aig coinneimh na Làn-Chomhairle. Thuirt Ceannard Poileasaidh an ùghdarrais, Karron NicDiarmaid, nach e gearradh sheirbheisean a tha nam beachd an turas seo, ach seirbheisean a thoirt seachad air dhòigh nas èifeachdaiche.

Barclays

Tha Banca Barclays a' gearradh mu 7,500 cosnadh am Breatainn am bliadhna, 's mu 14,000 air feadh an t-saoghail. Thèid 5,000 dreuchd eile a chall air feadh an t-saoghail thairis air an ath bhliadhna le atharrachadh mòr air cruth a' bhanca. Bidh a' mhòr-chuid de na gearraidhean ann an roinn tasgaidh Barclays, a tha ag amas air tilleadh gu obair thraidiseanta bhanca mar iasadan do ghnothachas agus morgaidsean.

Banca Dhail Chluaidh

Bha àrdachadh 7% ann am prothaidean Banca Dhail Chluaidh anns na sia mìosan mu dheireadh. Thuirt am banca gu bheil nas lugha de dhroch fhiachan ann, agus àrdachadh ann an reic mhorgaidsean.

Croitearachd

Chuir comataidh-baile ann an Leòdhas litir gu Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, 's iad ag iarraidh air a dhol an sàs anns an deasbad mu thaic-airgid do chroitearan. Tha dragh air comataidh-baile Rìof ann an sgìre Ùig' mu mholadh gum bu chòir sgeama nan grantaichean CCAGS a fhosgladh a-mach gu tuathanaich air feadh Alba, 's iad cuideachd ag iarraidh airgead sgeama nan taighean-croite a dhùblachadh.