Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rolf Harris

Tha Rolf Harris air Cùirt a' Chrùin ann an Southwark a ruighinn airson a' chaid là den chùis dhrabastachd aige. Tha dusan casaid an aghaidh a' chraoladair gun tug e ionnsaighean air clann-nighean òga. Tha e a' dol às àicheadh nan casaidean.

Nigeria

Thuirt Riaghaltas Bhreatainn gun dèan iad oidhirp nas motha cuideachadh ann an Nigeria, far an deach còrr air 200 nighean-sgoile a thoirt am bruid le buidheann Islamach. Tha sgioba à Aimeireaga anns an dùthaich mar thà is iad gu bhith a' feuchainn ris na sgoilearan a lorg - agus tha an Fhraing is Sìona air taic a thabhainn cuideachd.

Thèid na th' aig Buidheann a' Cho-op de Bhanca a' Cho-op a ghearradh. Tha am banca a' dol a reic earrainnean ùra gus an tog iad £400m.

Fiachan Chìsean

Tha Buill-Phàrlamaid a' gearain gu làidir mu phlana a bheireadh cead do Roinn nan Cìsean 's na Cuspainn airgead a thoirt à cunntasan-banca dhaoine air a bheil fiachan le cìsean. Thuirt Roinn an Ionmhais ge-tà, gum bi riaghailtean teann an sàs airson dèanamh cinnteach nach tèid falbh le airgead nam fàgadh e daoine ann an èiginn.

Cìs na Comhairle

Chaidh moladh gum bu chòir faighneachd do mhuinntir na Gàidhealtachd am b' fhearr leotha àrdachadh sa chìs chomhairle an àite a bhith a' gearradh sheirbheisean. Thàinig am moladh bho chathraiche Chomhairle Coimhearsnachd Shèite, Ruairidh Moireach. Bha Mgr Moireach a' bruidhinn is Comhairle na Gàidhealtachd am beachd buidheann a chur air chois a bheireadh cothrom do dhaoine am beachdan a thoirt seachad air mar as fheàrr a ghabhadh £60m a bhith air a chùmhnadh.

Gartain

Tha rabhadh ga thoirt do luchd-coiseachd agus luchd-sreap iad fhèin a dhìon bho ghartain, is aithrisean air nochdadh gu bheil barrachd aca air mòintichean is beanntan na h-Alba am bliadhna. Ged a bha tòrr sneachda air talamh àrd air a' Gheamhradh, bha an aimsir na bu bhlàithe nan àbhaist air talamh ìosal - rud a dh'fhaodas àireamh nan gartan a chur an-àirde.