Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nigeria

Cuiridh sgioba Israelach a tha a' strì an aghaidh ceannairc taic a-niste ris an iomairt airson còrr is 200 nighean-sgoile a chaidh a chur am bruid ann an Nigeria aig a' bhuidhinn Ioslamaich Boko Haram. Thuirt Ceann-suidhe Nigeria, Goodluck Jonathan, gu bheil sin a' ciallachadh gu bheil an saoghal gu lèir an ìre mhath a' cur taic ris an iomairt.

An Ugràin

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague, am measg na tha a' càineadh referendum a tha luchd-taic na Ruis a' cumail air taobh sear na h-Ugràin. Tha aithrisean ann an aon sgìre gun do bhòt cha-mhòr 90% airson neo-eisimeileachd. Cha tàinig buil na bhòta à sgìrean eile, ach thuirt Uilleam Hague nach eil na baileatan laghail agus nach eil dad de chreideas annta.

Boma

Chaidh duine a tha 55 a chur an grèim ann am Poblachd na h-Èireann an dèidh do phoilis boma fhaighinn ann an càr ann an Leamhcán faisg air Baile Átha Cliath. B' ann à Èirinn a Tuath a bha an càr. Thuirt na Poilis gun robh am boma air chomas milleadh a dhèanamh, ach nach robh e deiseil airson a spreadhadh.

Peinnseanan

Tha ministear ùr nam peinnsean ann an Riaghaltas na h-Alba, Shona Robison, ag ràdh nach eil plana airson aois a' pheinnsein a chur suas air feadh Bhreatainn idir cothromach do dh'Albannaich. Canaidh ise an-diugh gu bheil ùine beatha nas giorra an Alba a' ciallachadh gu bheil siostam a' pheinnsein ag obrachadh an aghaidh pheinnseanairean Albannach mar thà, agus gun dèanadh àrdachadh ann an aois a' pheinnsein cùisean nas miosa buileach dhaibh.

Aiseag a' Chorrain

Chaidh iarraidh air comhairlichean stad a chur air àrdachadh sam bith eile air faradh Aiseig a' Chorrain ann an Loch Abair dhan t-Sultain gus an tig làn-tomhas air buaidh nam faraidhean a th' ann an-dràsta. Thàinig àrdachadh trì tursan bho an-uiridh air an t-seirbheis a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' ruith. Thuirt a' Chomhairle gum feum àrdachadh a bhith ann mu choinneimh call de chòrr is £170,000 air an t-seirbheis.

Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis

Chaidh 100,000 ticead eile air a' mhargaidh anns a' mhadainn an-diugh airson Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu. Tha ticeadan ann airson a h-uile farpais, agus thèid an reic ris a' chiad fheadhainn a dh'iarras iad.