Farage cinnteach gun coisinn UKIP seat
- Air fhoillseachadh

Tha ceannard UKIP, Nigel Farage, air innse do railidh ann an Dùn Èideann "gun coisinn a phàrtaidh seat" ann an Alba airson a' chiad turais sna taghaidhean Eòrpach.
Thuirt e gum biodh an uair sin "guth dligheil" aig UKIP ann an Alba.
Na òraid, rinn Mgr Farage iomradh air a' Phrìomh Mhinistear agus ceannard an SNP, Ailig Salmond, mar "fheadaraileach Eòrpach dìoghrasach".
Thug e cuireadh do Mhgr Salmond - a thuirt gun deach UKIP a nàrachadh roimhe an Alba - neo-eisimeileachd a dheasbad còmhla ris.
Thuirt am BPE, a bh' ann an Dùn Èideann airson taic a thoirt do phrìomh thagraiche a' phàrtaidh, Daibhidh Coburn, gun robh UKIP air an t-slighe gus aon seat fhaighinn anns a' Phàrlamaid Eòrpaich an Alba, no "ma thèid cùisean buileach math, 's dòcha fiù 's dhà".
A' bruidhinn ris a' Phrìomh Mhinistear, thuirt Mgr Farage: "Tha Mgr Salmond gu math eagallach bhuainne. Chan eil eagal air mu ar meud aig an ìre seo, ach tha e gu math eagallach mun argamaid."
Argamaid
Dh'innis Mgr Farage, aig a bheil pàrtaidh nach eil ga riochdachadh ann ann Alba aig ìre sam bith, dhan railidh gu bheil muinntir na h-Alba den bheachd gur e referendum air neo-eisimeileachd a th' aca, "ach nach e sin a th' aca".
Chuir e às leth Mhgr Salmond gu bheil e airson 's gum bi Alba "na pàirt den Aonadh Eòrpach - agus nach urrainn do dhùthaich a bhith neo-eisimeileach, fèin-riaghlach is deamocratach, agus a bhith na ball de chluba aig a bheil laghan nas cumhachdaiche na a laghan fhèin".
Rinn Mgr Farage argamaid gum bu chòir dhan RA air fad a bhith neo-eisimeileach, le cumhachdan tiomnaichte aig gach ceàrn.
Bha mu 200 luchd-togail-fianais agus luchd-taic neo-eisimeileachd na h-Alba an làthair gus fianais a thogail an aghaidh ceannard UKIP, 's iad a' bùirich ri luchd-taic UKIP fhad 's a bhathar a' nochdadh.
Choisinn UKIP 0.91% den bhòt thairis air sgìrean na h-Alba ann an taghaidhean Holyrood sa bhliadhna 2011.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 9 An Cèitean 2014