Ionad Iain Mhic a' Ghobhainn ga stèidheachadh
- Air fhoillseachadh

Tha 20 bliadhna ann bho chaochail seann cheannard a' Phàrtaidh Làbaraich, Iain Mac a' Ghobhainn.
Innsidh a' bhanntrach, a' Bhana-Mhorair Ealasaid Nic a' Ghobhainn, Diluain gun tèid ionad ùr a stèidheachadh na chuimhne, le dòchas gum brosnaich e daoine a dhol an sàs ann an obair phoblach.
Bidh an t-ionad stèidhichte aig Oilthigh Ghlaschu, far an do choinnich an dithis.
Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn ann an Àird Driseig ann an Earra-Ghàidheal air an 13mh là den t-Sultain, 1938.
Bha e ag obair na fhear-lagha mus deach a thaghadh mar Bhall-Pàrlamaid Làbarach ann an 1970, a' riochdachadh Lannraig a Tuath.
Ceannard
Chaidh e na cheannard air a' Phàrtaidh Làbarach ann an 1992.
Chaochail e gu h-obann ann an Lunnainn air an 12mh là den Chèitean 1994, aig aois 68, às dèidh dha grèim-cridhe a ghabhail.
Fosglaidh Ionad Iain Mhic a' Ghobhainn airson Seirbheis Phoblach aig deireadh na bliadhna seo.
Bidh an t-ionad stèidhichte aig Oilthigh Ghlaschu, far an robh e na oileanach agus far an deach e an sàs ann am poileataigs.
Am measg obair an ionaid, bithear a' feuchainn ri luach sheirbheisean poblach a thomhas.
Bithear cuideachd ag amas air cliù na seirbheis poblaich àrdachadh, a thuilleadh air an òigridh a bhrosnachadh gus cuir ri obair phoblaich.
Oileanaich
Choinnich Mgr Mac a' Ghobhainn agus a bhean, Ealasaid, aig an oilthigh, far an robh e a' dèanamh ceum ann an eachdraidh sna 1950an, agus an uair sin lagh tràth anns na 60an.
Tha ìomhaigh dheth aig Aonadh nan Oileanach aig Oilthigh Ghlaschu, far am biodh e a' deasbad.
Thuirt a' Bhana-Mhorair Nic a' Ghobhainn gum biodh an t-ionad ùr na theisteanas freagarrach do bheatha agus obair a cèile.
Thuirt i: "An oidhche mus do chaochail e, rinn Iain òraid aig dìnneir gàla a' Phàrtaidh Làbaraich ann an Lunnainn, a' crìochnachadh le na facail: 'An cothrom ar dùthaich a fhrithealadh - sin an aon iarrtas a th' againn'.
"'S e sin an abairt as fheàrr a mhìnicheas fear a chuir seachad a bheatha a' cuideachadh dhaoine eile tro oidhirpean san t-seirbheis phoblaich.
"Tha mi cinnteach, nam biodh e fhathast còmhla rinn an-diugh, gum biodh e na uallach mòr do dh'Iain gu bheil cho beag spèis dha thoirt don bheatha phoblaich.
"Tha mise a' creidsinn gum faodadh beatha Iain a bhith na adhbhar brosnachaidh do ghinealach san àm ri teachd, nach eil aig an ìre seo a' faicinn luach san leithid de dh'obair."
Spèis
Tha taic dhan ionad air a thighinn bho air feadh an t-saoghail phoileataigich.
Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond: "Bha spèis mhòr agam fhèin do dh'Iain Mac a' Ghobhainn agus tha mi den bheachd gur e an dà chuid teisteanas freagarrach agus iomairt ann an deagh àm a bhios san Ionad airson Seirbheis Phoblaich.
"Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead air adhart ri bhith a' co-obrachadh leotha."
Thuirt ceannard a' Phàrtaidh Làbaraich, Ed Miliband: "B' e duine beusach le mòr-chliù a bh' ann an Iain Mac a' Ghobhainn.
"Bha a dhleastanas daingeann don t-seirbheis phoblaich co-cheangailte ri a luachan Làbarach agus a mhiann gus beatha dhaoine air feadh na dùthcha a leasachadh."
Thuirt Mgr Miliband gu bheil dìleab Mhgr Mhic a' Ghobhainn a' mairsinn sna h-atharrachaidhean dhan robh e ag iomairt 's a chaidh a thoirt gu buil, nam measg, an ìre phàighidh as ìsle agus Riaghaltas na h-Alba ga chruthachadh.
"Bha Iain mothachail air an eadar-dhealachadh a dh'fhaodadh poileataigs agus an t-seirbheis phoblach a dhèanamh," thuirt e.
Thèid neach-stiùiridh, a bhios os cionn na h-obrach agus a lorgas maoineachadh do phrògram rannsachaidh 2015, fhastadh a dh'aithghearr.