Tuarastal beò-shlàint a dhìth
- Air fhoillseachadh

Ni am Pàrtaidh Làbarach an Alba oidhirp eile air an lagh atharrachadh gus toirt air companaidhean a gheibh cùmhnantan san roinn phoblaich tuarastal beò-shlàint - no "living wage" - a phàigheadh.
Tha na Làbaraich a' moladh atharrachaidhean eile ann am Bile Ath-leasachaidh an t-Solarachaidh, a tha an-dràsta a' dol tron Phàrlamaid Albannaich.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh ge-tà, gu bheil an Coimisean Eòrpach air comhairle a thoirt dhaibh nach gabh a leithid a dhèanamh.
Tha na Làbaraich airson an lagh atharrachadh gus am feumadh companaidhean tuarastal beò-shlàint - sin tuarastal nas àirde na am bun-thuarastail - a thoirt seachad mus fhaigheadh iad cùmhnantan poblach.
Tha an tuarastal beò-shlàint an-dràsta stèidhichte aig £7.65.
Tha sin ga phàigheadh do mhòran san roinn phoblaich, ach tha na Làbaraich airson 's gum bi aig companaidhean san roinn phrìobhaidich ri a phàigheadh cuideachd, ma tha iad ag iarraidh chùmhnantan poblach.
Sgrùdadh
Tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air cho deònach 's a tha companaidhean sin a phàigheadh mus tèid cùmhnant poblach a thoirt seachad.
Ach tha na Làbaraich airson 's nach fhaigh companaidh cùmhnant mura bheil iad air gealltainn sin a dhèanamh.
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gu bheil comhairle bhon Choimisean Eòrpach ag ràdh gur coltach gum biodh sin mì-laghail.
Thuirt i gur e briseadh-dùil a tha seo, 's gu bheil an Riaghaltas ag aontachadh le na Làbaraich gum bu chòir dhan seo a bhith air a phàigheadh do dhaoine a tha ag obair do chompanaidhean a gheibh cùmhnantan poblach, ach nach eil na cumhachdan aca.
Ach tha na Làbaraich a' creidsinn gun gabh a dhèanamh gun laghan Eòrpach a bhriseadh.