Coinneamh mu dhrèanadh Uibhist
- Air fhoillseachadh

Tha uimhir de dh'uisge air a bhith ann an Uibhist sna mìosan mu dheireadh 's gu bheil e a' dèanamh trioblaid leis na drèanaichean agus uisge a' laighe air agus faisg air na rathaidean.
Chaidh coinneamh phoblach a chumail oidhche Luain a dh'fhaicinn a bheil dad 's urrainn gach cuid an t-uachdaran Storas Uibhist, a' chomhairle agus muinntir an àite a dhèanamh mu dheidhinn.
"Air a' Gheamhradh a chaidh seachad, bha dìreach uimhir de dh'uisge ann," thuirt tè de stiùirichean Stòras Uibhist, Sarah NicEachainn.
"Eadar sin agus làn àrd 's a h-uile sian dheth na bha a' dol air a' Gheamhradh bha Loch Bì gu h-àraid, ann an ceann a tuath Uibhist a Deas, chan fhaca sinn cho àrd e bho chionn bhliadhnaichean.
Sgeama drèanaidh
"Cha robh dìreach àite ann far an rachadh an t-uisge.
"Bha buaidh aige seo air na h-Eileanan air fad, ach gu h-àraid an t-Ìochdair. Tha talamh ìosal ann. Tha Stadhlaigearraidh ann cuideachd. Tòrr de na bailtean.
"Air sàilleabh gu bheil an talamh cho ìosal mun mhachaire, 's bha am machaire fhèin bog fliuch cuideachd.
"Bha dithis de na comhairlichean againn aig a' choinneimh, 's bha sinn fhìn ann le Stòras Uibhist, bha Dàibhidh Muir ann dhan Chomhairle.
"Fhuair daoine cothrom innse mar a bha iad fhèin a' faicinn an t-suidheachaidh, agus na bha fa-near do dhaoine. Dè bha dùil aca a dhèanamh.
"Tha sinn a' coimhead ris na drèanaichean a ghlanadh. Tha obair air a dhèanamh mar thà air na drèanaichean a thaobh an glanadh, ach a' leantail oirnn leis an sin.
"Agus a' coimhead ris na "flap-valves" a tha a' leigeil uisge a-mach dhan chuan.
"Feumaidh sinn coimhead ris an rud air fad.
"Tha sgeama drèanaidh air a bhith ann o chionn 200 bliadhna co-dhiù.
"Feumaidh sinn dìreach sin a leaschadh gus am bi e ag obrachadh cho math 's is urrainn dha dha na daoine," thuirt i.