Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pfizer

Thòisich dà là de cheasnachadh Pàrlamaid mu oidhirp na companaidh dhrogaichean Aimeireaganaich Pfizer airson AstraZeneca, companaidh Bhreatannach, a ghabhail thairis. Tha Comataidh a' Ghnothachais a' ceasnachadh cheannardan Pfizer mu ghealltanas gun cumadh iad cosnaidhean ann am Breatainn, agus obair-rannsachaidh. Chuala a' Chomataidh an-diugh mar thà mun dragh air na h-aonaidhean gun tèid cosnaidhean a chall.

Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis

Thuirt Àrd-Oifigeach Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu nach eil e idir math gu leòr gu bheil daoine fhathast a' faighinn trioblaid a' feuchainn ri ticeadan a cheannach air-loidhne. Thuirt Dàibhidh Grevemberg gu bheil trioblaidean fhathast air an làraich-lìn ged a chaidh a dùnadh airson uair de thìde bho mheadhan oidhche an-raoir airson a càradh. Chaidh 100,000 ticead às ùr air a' mhargaidh an-dè, ach bha feadhainn fad ochd uairean de thìde a' feitheamh air-loidhne air an do dh'fhailich e ticead a cheannach.

Nigeria

Thuirt an Riaghaltas ann an Nigeria gum beachdaich iad air a h-uile roghainn airson saorsa fhaighinn do chòrr is 200 nighean-sgoile a chaidh a chur am bruid bho chionn faisg air mìos. Thuirt a' bhuidheann cheannairc Ioslamach Boko Haram gun toir iad saorsa dha na h-igheanan ma thèid buidhnean bhon bhuidhinn sin acasan a shaoradh às a' phrìosan.

Port-adhair Obar Dheathain

Cha robh ceannardan Puirt-adhair Eadar-nàiseanta Obar Dheathain deònach dad a ràdh mu aithrisean gu bheil buidheann ùr a' feuchainn ri an gabhail thairis. Tha e coltach gun do dhiùlt Heathrow Airport Holdings - BAA mar a bha orra - a' chiad thagradh bho bhuidhinn dham buin Port-adhair Zurich. Tha dùil gun tèid tagradh a-rithist airson Obar Dheathain, agus cuideachd airson puirt-adhair Ghlaschu agus Southampton an ceann beagan mhìosan.

Poilis Armaichte

Chuir Poilis na h-Alba dìon air mar a tha cuid de na h-oifigearan air a' Ghàidhealtachd a' giùlain ghunnaichean gu cunbhalach. Thuirt iad gun tàinig orra Poilis Armaichte a chur a-mach air Ghàidhealtachd còrr is 100 turas an-uiridh, 's chan ann a-mhàin nuair a bha eucoirich ann le gunna. Tha am Ball-Pàrlamaid John Finnie, agus seann àrd-oifigearan poilis air dragh a thogail mun chleachdadh seo bho chaidh feachd-poilis nàiseanta a stèidheachadh.

Iasg

Dh'fhaodadh riaghailtean ùra a tha a' cur stad air iasgairean bho iasg nach eil a dhìth orra a thilgeil air ais dhan mhuir cron a dhèanamh air àrainneachd na mara agus air stoc an èisg. Tha aithisg bho Oilthigh Shrath Chluaidh ag ràdh gur dòcha gun tig droch bhuaidh ris nach robh dùil à riaghailtean ùra fo phoileasaidh iasgaich an Aonaidh Eòrpaich.