Obair-càraidh nas luaithe na bha dùil
- Air fhoillseachadh

Tha a h-uile coltas ann gun tèid Drochaid Cheasaig ann an Inbhir Nis gu lèir fhosgladh tron là taobh a-staigh na h-ath-mhios.
Thòisich obair a dhùin pàirt den drochaid air gach taobh anns a' Ghearran, agus bha dùil nach biodh sin deiseil gu deireadh an Ògmhios.
Tha Bear Scotland dòchasach ge-tà, gum bi an obair aca deiseil nas luaithe na bha dùil, 's gum fosgail an drochaid tron là an ceann beagan sheachdainnean.
Leanaidh a' chompanaidh orra leis an obair aca, agus bidh pàirtean den drochaid fhathast dùinte tron oidhche.
Bidh còrr is 30,000 carbad a' dol tarsainn Drochaid Cheasaig gach là - a' ciallachadh gur i tè de na drochaidean as trainge ann an Alba.
Chaidh càradh mar-thà a dhèanamh air taobh eile na drochaid mar phàirt de chùmhnant anns a bheil luach £13m.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Gearran 2014