Tuathaich an aghaidh ceannach coimhearsnachd
- Air fhoillseachadh

Chruinnich mu 100 duine aig Sgoil Phaibeil ann an Uibhist a Tuath oidhche Mhàirt a bheachdachadh air molaidhean ùra mun oighreachd a ghabhail thairis às leth na coimhearsnachd.
Tha siamarlan na h-oighreachd air leigeil fhaicinn nach eil na h-uachdarain idir airson an t-eilean a reic.
'S iad comhairlichean an Eilein a chuir am beachd air adhart agus iad draghail, san àm ri teachd, nach fhaigh Uibhist a Tuath an aon chothrom air taic-airgid 's a gheibh coimhearsnachdan a th' air am fearann a cheannach.
Cha deach taic mhòr sam bith a nochdadh aig a' choinneimh airson a bhith a' ceannach na h-oighreachd.
Bhòt
"Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil sluagh de mu 1,500 ann an Uibhist a Tuath," thuirt an Comh. Uisdean Robasdan.
"Bha ceud aig a' choinneimh.
"Tha sinn, mar a chaidh iarraidh oirnn, a' dol a chur a-mach fiosrachaidh timcheall nan taighean uile ann an Uibhist a Tuath, airson faighneachd am bi iadsan airson sgrùdadh a dhèanamh.
"Tha sinn a' faicinn mar a tha gearradh ionmhais aig a' Chomhairle, 's Iomairt na Gàidhealtachd 's a h-uile buidheann a th' ann thairis air na trì, ceithir, còig bliadhna a tha romhainn.
"Agus tha sinn a' faicinn mar-thà gu bheil barrachd taic a' dol a dhol do choimhearsnachdan a th' air am fearann aca fhèin a ghabhail.
Èisteachd
"Nuair a tha an t-airgead teann, gheibh iad sin an taic, tha mi a' smaoineachadh.
"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinne mar chomhairlichean am beachd sin a chur air beulaibh dhaoine.
"Ma tha daoine a' smaoineachadh gu bheil cùisean ann an Uibhist a Tuath a' dol a chumail a' dol mar a tha iad thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn, feumaidh sinn èisteachd ris a sin, agus taic a thoirt dha sin," thuirt e.
Thèid coinneamh eile a chumail oidhche Chiadain ann an Loch nam Madadh.
Thèid bhòt a chumail am measg mhuinntir an eilein co-dhiù am bu chòir a dhol air adhart le sgrùdadh a dhèanamh air a bhith a' ceannach na h-oighreachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 25 Am Màrt 2014