Stuth ceimigeach an aibhnichean
- Air fhoillseachadh
Tha Ball-Pàrlamaid Albannach air draghan a thogail le buidheann dìon na h-àrainneachd SEPA às dèidh mar a chaidh stuthan ceimigeach a tha a' toirt air èisg an gnè atharrachadh a lorg ann an aibhnichean air a' Ghàidhealtachd.
Fhuaireas Non-il-phenols ann an aibhnichean Bhrùra, Narann, Lòsaidh agus Nis, agus ann an 15 aibhnichean eile ann an Alba.
Tha am ball Nàiseantach airson Cataibh, Gallaibh agus Rois, Rob Gibson, air sgrìobhadh gu SEPA a' faighneachd cò às a thàinig an stuth ceimigeach, agus dè a' bhuaidh a bhios aige seo air an àrainneachd ionadail.