Iomairt nan Làbarach air fàilligeadh
- Air fhoillseachadh

Dh'fhàilig air na Làbaraich nan iomairt gus tuarastal beò-shlàint - no "living wage" - a ghealltainn anns gach cùmhnant san roinn phoblaich.
Bhòt Holyrood na aghaidh Dimàirt agus iad a' deasbad Bile Ath-leasachaidh an t-Solarachaidh.
Bha an SNP am measg na bhòt na aghaidh, ag ràdh gun deach innse dhaibh leis an Riaghaltas nach biodh an leithid ceadaichte fo laghan Eòrpach.
Gheall Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ge-tà, gun tèid coimhead air cho comasach agus deònach 's a tha companaidhean a tha a' sireadh chùmhnantan poblach air an leithid de thuarastail a phàigheadh.
Bha na Làbaraich airson tuarastal beò-shlàint de co-dhiù £7.65 san uair a thoirt dhan a h-uile duine a tha ag obair do chompanaidhean aig a bheil cùmhnantan poblach.
Mòr-chuid
Leis gu bheil mòr-chuid aig a' Phàrtaidh Nàiseantach ann an Holyrood, cha robh e a' coimhead coltach gun deadh na atharrachaidhean a bha na Làbaraich a' moladh troimhe.
Bha iadsan ge-tà airson teachdaireachd a sgaoileadh gur iad na Làbaraich a tha a' seasamh air taobh nan daoine nach eil a' faighinn pàigheadh àrd, agus gur iad cuideachd a tha a' coimhead às dèidh an luchd-obrach san roinn phoblaich.
Thuirt na Nàiseantaich gu bheil an Coimisean Eòrpach air comhairle a thoirt dhaibh gum biodh e doirbh tuarastal beò-shlàint a thoirt a-steach gun riaghailtean Eòrpach a bhriseadh.
Nochd Pàdraig Harvie bho na h-Uainich ge-tà, gum bu chòir dhan Riaghaltas ann an Alba a bhith a' putadh riaghailtean Eòrpach, gu maith na h-Alba, ma ghabhas sin a dhèanamh gun na riaghailtean a bhriseadh gu tur.
Thuirt Nicola Sturgeon ge-tà, gum biodh e cosgail agus doirbh do dh'Alba nan deadh cùisean-lagha a thogail an aghaidh bhuidhnean poblach Albannach ri linn riaghailtean briste.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 13 An Cèitean 2014