Deasbad an airgid a' leantainn
- Air fhoillseachadh

Thèid an Seansalair agus àrd-sheirbheiseach catharra bho Roinn an Ionmhais an sàs san deasbad mu Alba neo-eisimeileach agus an Not Diciadain.
Bheir Seòras Osborne agus Sir Nicolas Mac a' Phearsain fianais seachad do Chomataidh nan Cùisean Albannach ann an Taigh nan Cumantan.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun tèid an Not a chleachdadh le Alba neo-eisimeileach, ann an aonta foirmeil leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Tha an Seansalair air a ràdh nach tachair sin.
Thuirt Mgr Osborne roimhe nach eil "adhbhar laghail sam bith" a bhiodh an còrr den Rìoghachd Aonaichte airson an Not a cho-roinn le Alba neo-eisimeileach.
Taic
Chuir ceannardan nan Làbarach 's nan Lib-Deamach taic ri beachd an t-Seansalair.
Tha dùil gun can Mgr Osborne a-rithist Diciadain nach gabhadh esan mar Sheansalair ri aonadh-airgid, mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh.
Cuide ris an t-Seansalair Diciadain, bidh an seirbheiseach catharra as àirde ann an Roinn an Ionmhais, Sir Nicolas Mac a' Phearsain.
Bheir an dithis aca fianais do Chomataidh nan Cùisean Albannach ann an Taigh nan Cumantan.
Tha gach ball den chomataidh sin an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba agus, mar sin, chan eil dùil ri ceasnachadh ro chruaidh.
Dleastanas
Chan eil e cumanta do sheirbheisich chatharra a bhith a' toirt seachad fianais, ged a tha Sir Nicolas air seo a dhèanamh roimhe.
A' nochdadh ro chomataidh eile, thuirt e nach deach iarraidh air sin a dhèanamh, ach gun robh e airson a dhèanamh air sgàth gun robh ceist an Not a' bualadh cho mòr air an dùthaich.
Thuirt Sir Nicolas gun robh e na dhleastanas dha sin a dhèanamh, ged a tha an SNP agus Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gun deach an t-seirbheis chatharra a chleachdadh, san t-suidheachadh seo, ann an dòigh nach robh idir iomchaidh.
Ach, leis cho cudromach 's a tha cuspair an airgid san deasbad, thèid èisteachd riutha gu dlùth le daoine bho gach taobh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 13 An Gearran 2014