Catamaran air an taobh siar?
- Air fhoillseachadh

Thuirt ceannard na companaidh Pentland Ferries gum biodh catamaran tuilleadh is comasach seòladh ann an uisgeachan an taobh siar.
Nochd a' cheist roimhe is cuid ag ràdh, leis gu bheil catamaran nas luaithe is nas saoire a thaobh connadh na bàt-aiseig àbhaisteach, gum bu chòir do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn beachdachadh air an cur an sàs air cuid de na slighean acasan.
Thog rannsachadh bho Oilthigh Shrath Chluaidh bho chionn beagan bhliadhnaichean ceistean air cho comhfhurtail is socair 's a bhiodh catamaran air a' chost an iar an taca ri soitheach àbhaisteach.
Tha an t-seòrsa bhàta seo, ge-tà, air feum mòr a dhèanamh do Phentland Ferries air an t-slighe eadar Arcaibh is Tìr Mòr.
Bheir e uair a thìde dhan chatamaran aca, Am Pentalina, seòladh eadar Bàgh Gills ann an Gallaibh is St Margaret's Hope ann an Arcaibh.
Freagarrach
Ged a tha an ceannard, Anndra Banks, ag aideachadh nach eil catamaran freagarrach air slighean fada ann an leithid a' Chuan a Tuath, tha e ag ràdh gum biodh iad glè mhath air slighean an iar.
"Dhèanadh catamaran an gnothach air a' chosta an iar gun teagamh," thuirt Mgr Banks.
"Dhèanadh catamaran a bha mòr gu leòr, can mu 85-90m, dhèanadh e a' chùis air an t-slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh gun duilgheadas.
"Tha sinne air a bhith a' cleachdadh catamaran fad bhliadhnaichean a-nise sa Chaol Arcach - am measg uisgeachan cho garbh 's a tha san t-saoghal dh'fhaodadh tu a ràdh - is 's e glè bheag de làithean a chaill sinn ri linn na sìde," thuirt e.
Tha Mgr Banks ag ràdh, nam faigheadh e an cothrom, gum faodadh e seirbheis a cheart cho math a thabhainn air a' chosta an iar.