Deasbad dleastanas an luchd-measaidh

  • Air fhoillseachadh
Talamh croitearachd
Fo-thiotal an deilbh,
Tha mu 90 de luchd-measaidh na croitearachd stèidhichte air feadh nan sgìrean croitearachd.

Thèid faighneachd do luchd-measaidh nan croitearan dè na dleastanasan a bu chòir a bhith orra.

Tha timcheall air 90 dhuibh ann an-dràsta air feadh nan sgìrean croitearachd is iad a' dèanamh ceangail eadar Coimisean na Croitearachd agus na croitearan fhèin.

Am measg nan dleastanasan a th' orra an-dràsta, tha a bhith a' cur fios air a' Choimisean ann an suidheachadh sam bith a tha iad a' faicinn iomchaidh a thaobh leithid iarrtas 'son chroitean no mar a tha fearann air a chleachdadh.

A rèir a' Coimisein ge-tà, chan eil dleastanas an luchd-measaidh soilleir gu leòr aig an ìre seo.

Tha an t-ùghdarras a' cumail a-mach gu bheil a' mhì-chinnt a' fàgail gu bheil luchd-measaidh ann an diofar àiteachan a' dèanamh diofar rudan.

Soillearachadh

Feumaidh an suidheachadh a shoillearachadh, a rèir tè-gairm a' Choimisein, Susan Walker.

"Tha an luchd-measgaidh gu math diofraichte is chan eil iad a' faighinn pàigheadh," thuirt a' Bhean-Phòsta Walker.

"Tha cuid dhiubh gu math deònach a bhith a' sgrìobhadh aithisgean airson nan iarrtasan a tha a' tighinn a-staigh agus cuid eile, chan eil iad ag iarraidh an obair sin a dhèanamh.

"Feumaidh sinn còmhradh a bhith againn mu dheidhinn dè tha iadsan comhfhurtail a bhith a' dèanamh airson a' Choimisein agus airson croitearachd a bhrosnachadh anns na sgìrean aca fhèin," thuirt i.

Tha an Coimisean an dòchas co-labhairt a chur air dòigh deireadh na bliadhna gus an gnothach a dheasbad.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh