Dìth taic do cheannach Uibhist a Tuath

  • Air fhoillseachadh
Uibhist a TuathTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid litrichean a chur a-mach chun a h-uile duine de mhuinntir an eilein.

Cha deach taic mhòr sam bith a nochdadh airson oighreachd Uibhist a Tuath a cheannach às leth na coimhearsnachd aig dà choinneimh a chaidh a chumail airson a' chùis a dhèasbad.

Chaidh an dàrna coinneamh a chumail ann an Loch nam Madadh oidhche Chiadain, an dèidh coinneimh eile ann am Paibeil oidhche Mhàirt.

Aig bhòt deireadh nan coinneamhan chuir mòr-chuid an aghaidh a' bheachd.

'S iad comhairlichean an eilein a chuir am moladh air adhart, agus iad draghail nach biodh an aon ìre de thaic-airgid ri fhaotainn don eilean san àm ri teachd, seach na gheibheadh coimhearsnachdan a bh' air an cuid fearainn a cheannach.

Deamocrasaidh

A dh'aindeoin an dìth taice, tha dùil gun lean comhairlichean orra le fiosrachadh a sgaoileadh agus bhòt a chumail air sgrùdadh.

'S ann ri Oighreachd Uibhist a Tuath a-mhàin, a tha leis an teaghlach Granville, a tha iad a' coimhead, seach Uibhist a Tuath gu lèir.

Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd na uachdaran air cuid de dh'Uibhist a Tuath, an leithid sgìre Loch Portain.

Tha cuid san eilean a tha taiceil don bheachd ge-tà.

"Tha bliadhnaichean mòra bho thàinig mise dhan bheachd gun robh còir aig muinntir Uibhist a Tuath an oighreachd air fad a bhith air a riaghladh aca fhèin," thuirt Tormod MacIain.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine comasach gu leòr ann an Uibhist a Tuath airson a bhith a' ruith na h-oighreachd gu feum an àite.

"Ach co-dhiù, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e an aghaidh democrasaidh mura bi sinn a' riaghladh na talmhainn againn fhèin," thuirt e.

Bha Talla Loch nam Madadh cha-mhòr làn airson na dàrna coinneimh, ged a bha cuid a bha an làthair air a bhith aig a' chiad choinneimh ann am Paibeil cuideachd.

Tha gu bheil na comhairlichean fhathast am beachd a' chùis a chur air adhart air iongnadh a chur air cuid.

"Bhòt iad an-raoir, 's bhòt iad a-nochd an aghaidh sgrùdadh comais a dhèanamh. Uell tha iad stil a' dol ga dhèanamh," thuirt Flòraidh NicDhòmhnaill.

"A' cur a-mach litrichean chun a h-uile duine. Ach chan eil fhios againn fhathast cò a h-uile duine a tha sin, thoradh, tha dìreach "grey area" ann cò a th' anns an oighreachd.

"Tha mi an dòchas nuair a gheibh na daoine iad e, gun leugh iad e, agus gun gabh iad ùine leis, 's gun till iad e.

"Tha e uabhasach cudromach gun till iad e.

"Mur a till iad e cha bhi fhios againn le cinnt," thuirt i.