Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Lib-Deamaich

Thuirt ceannard nan Lib-Deamach, Nick Clegg, nach eil cus dragh air mu chunntas-bheachd a thuirt gum faodadh a phàrtaidh a bhith anns a' chòigeamh àite aig na taghaidhean Eòrpach a bhios ann seachdain bho an-diugh. Thuirt Mgr Clegg a-rithist gum biodh e ceàrr dhan Rìoghachd Aonaichte cùl a chur ris an Aonadh Eòrpach.

Camshron

Tha am Prìomhaire Daibhidh Camshron ann an Alba an-diugh agus a-màireach, a' dèanamh na h-argamaid airson Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte. Canaidh Mgr Camshron gu bheil na milleanan dhaoine den bheachd a-niste gum biodh neo-eisimeileachd ceàrr. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gur ann a nì turas Mhgr Chamshroin cron air an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, seach cuideachadh.

Gunnaichean-Adhair

Thèid lagh ùr mu ghunnaichean-adhair a stèidheachadh ann an Alba, ma thèid gabhail ri bile a chaidh a chur gu Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Tha am bile ag ràdh gum feumadh cead oifigeil a bhith aig duine airson gunna-adhair a chumail, mar a th' ann airson ghunnaichean eile.

Catamaran

Thuirt an duine dham buin a' chompanaidh Pentland Ferries gu bheil na h-Eileanan an Iar a' call sheirbheisean aiseig nas trice agus nas luaithe leis nach eil iad a' cleachdadh catamaran. Tha Anndra Banks a' ruith sheirbheisean catamaran eadar Gillsbay an Gallaibh agus St Margaret's Hope an Arcaibh. Thuirt esan nach eil adhbhar sam bith ann nach gabhadh catamarain cleachdadh air a' chosta an iar, agus nach eil brìgh sam bith nas motha ann an rabhadh bho chuid de dh'eòlaichean a tha ag ràdh nach biodh iad freagarach anns a' Chuan Sgìth.

Uibhist a Tuath

Bha coinneamh eile ann an Uibhist an-raoir mu shealbh a ghabhail air Oighreachd Uibhist a Tuath. Cha robh mòran taice ann dhan phlana aig coinneimh ann am Paibeil a' bhòn-raoir, agus bha na chruinnich ann an Loch nam Madadh an-raoir air an aon bheachd. Ach a dh'aindeoin sin, tha dùil gun lean comhairlichean orra le fiosrachadh a sgaoileadh agus bhòt a chumail air sgrùdadh. Chaidh a dhèanamh soilleir an-raoir gur ann ri Oighreachd Uibhist a Tuath a-mhàin, aig an teaghlach Granville, a tha iad a' coimhead, seach Uibhist a Tuath gu lèir.

Aiseag a' Chorrain

Thèid iarraidh air Comhairlichean Gàidhealach an-diugh stad a chur air àrdachadh eile air faraidhean Aiseig a' Chorrain ann an Loch Abair gus an tig làn-thomhas air buaidh nam faraidhean an-dràsta. Tha muinntir na sgìre ag ràdh gun toireadh àrdachadh eile droch bhuaidh air an eaconamaidh ionadail.

Citylink

Dh'innis a' chompanaidh bus, Citylink, gu bheil iad a' dèanamh leaschaidh air an t-seirbheis aca eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu. Thèid ceithir busaichean ùra agus ceithir eile a tha nas lugha na dà bhliadhna de dh'aois, a chur air an t-seirbheis eadar seo agus deireadh na bliadhna. Tha na h-uimhir de ghearain air a bhith ann mu staid nam busaichean.