Fios a bharrachd do chomataidhean baile
- Air fhoillseachadh

Dh'aidich fear de choimiseanairean Choimisean na Croitearachd gum feum a' bhuidheann mìneachadh nas fheàrr a thoirt air cho cudromach 's a tha e do chomataidhean baile innse a bheil croitearan a' dèanamh feum den fhearann aca.
Bha Murchadh MacIllinneinn a' bruidhinn is dìreach 16% de chomataidhean baile air freagairtean a thilleadh dhan Choimisean ann an co-chomhairleachadh mun chùis.
Bidh an dleastanas ùr connspaideach a' fàgail gum feum comataidhean baile innse dhan Choimisean mu staid chroitean sa bhaile aca.
Tha mòran air draghan a nochdadh mun dleastanas is iad ag ràdh gu bheil e a' ciallachadh gum bi aig croitearan ri fios mu an nàbaidhean a chur chun a' Choimisein.
Cunnart
Bha cuid de na comataidhean sa cho-chomhairleachadh den bheachd gum biodh an dleastanas na chunnart dhaibh is gur dòcha gum fàgadh an gnothach gun rachadh comataidhean ma sgaoil air a' cheann thall.
Thuirt Mgr MacIllinneinn gur e barrachd fhiosrachaidh a tha a dhìth.
"Ged nach tàinig mòran air ais, tha feadhainn aca air a shon gu mòr is feadhainn eile, chan eil fios aca ceart ciamar a tha seo a' dol a dh'obrachadh," thuirt e.
A rèir Mhgr MhicIllinneinn, nì e feum do chroitearachd san fharsaingeachd ma chuireas na comataidhean am fiosrachadh a-steach.
"Ma tha sinn a' dol a chur chùisean ron Mhinistear mu dheidhinn croitearachd is taic 'son croitearan, feumaidh sinn faighinn fios bho na croitearan fhèin agus bho na bailtean dè tha ceàrr anns na bailtean is ciamar a gheibh sinn air a chur ceart," thuirt e.
Dleastanas
Thuirt Mgr MacIllinneinn gun till an Coimisein dha na comataidhean baile a-nise ach gum feum iad gabhail ris gun tig an dleastanas ùr orra.
"Cha creid mi nach eil leasan dhan Choimisean a-mach à seo ach feumaidh na croitearan fhèin fios a bhith aca gum feum iad seo a dhèanamh airson 's gum faigh sinn air taic a thoirt dhaibhsan.
"Tha fios againn gu bheil daoine an aghaidh seo is gum feum sinn bruidhinn riutha ann an dòigh eile airson 's gum bi fios acasan cò air a bheil sinn a-mach agus carson, agus gur ann air cùlaibh chroitearan a tha sinne, chan e dìreach a' toirt dhaibh foirm eile a dhèanamh," thuirt e.
Tha dùil gun tèid na foirmichean a-mach gu comataidhean baile 'son a' chiad turais deireadh 2014 no tràth ann an 2015.