Là mòr anns na cupanan

  • Air fhoillseachadh
LòbhatTùs an deilbh, Neil G Paterson
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Lòbhat ag amas air grèim a chumail air Cupa MhicThàimhais, a bhuannaich iad an aghaidh Ghlinn Urchadain an-uiridh.

Thig fios air an deireadh-sheachdain cò bhios a' cluich anns na ciad chuairtean deireannach mòra den t-seusan le geamaichean ann an Cupa MhicThàmhais is Cupa Chomann Ceilteach Ghlaschu.

Tha Lòbhat, a tha a' dìon Cupa MhicThàmhais, air falbh dhan Chlachan Aillseach far an cluich iad an aghaidh Chinn Loch Seile.

'S e deuchainn eile a tha seo do sgioba Ailean MhicRath, a chaill 'son a' chiad turais am bliadhna sa gheama mu dheireadh aca an aghaidh Ghlinn Urchadain.

'S e cothrom a bhios ann do Cheann Loch Seile, a tha air dà gheama air leth faisg a chall an aghaidh Lòbhait am bliadhna.

'B ann an Cill Tharaghlain a bha na geamaichean sin, is bidh Ceann Loch Seile ag amas air adhartas a dhèanamh air a' phàirc aca fhèin agus àite fhaighinn sa chuairt dheireannaich.

Druim na Drochaid

San iar-chuairt dheireannaich eile thèid Bail' Ùr an t-Slèibh gu Druim na Drochaid 'son geama an aghaidh Ghlinn Urchadain.

Tha am Bail' Ùr air togail orra bho chionn ghoirid is tha iad a-nise air ais ann an àite as aithne dhaibh glè mhath, mullach na Prìomh Lìge.

Tha an Gleann fhèin a' dol gu math is tha fios gum bi iad air misneachd a thoirt à mar a rinn iad an gnothach air na nàbaidhean aca Lòbhat.

Bidh sluagh mòr a' cur taic riutha is bidh an Gleann ag amas air a' chiad tadhal gus cothrom na Fèinne a thoirt dhaibh.

Aig deas tha Caol Bhòid a' cur dìon air a' Chupa Cheilteach is bidh iad dòchasach gu leòr air àite sa chuairt dheireannaich nuair a chluicheas iad air falbh an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal Disathairne.

Doirbh

Thug sgioba a' bhaile geama doirbh dhan Ghearasdan ann an Cupa na Camanachd bho chionn cola-deug ach cha chaill Caol Bhòid cus gheamaichean san fharpais seo is bu chòir gun tig iad troimhe.

Chan eil e cho furasta tomhas a dhèanamh air dè thachras sa gheama eadar Inbhir Aora is Camanachd an Òbain aig an Winterton.

Tha sgioba an Òbain a' dol gu math ann an Lìog Nàiseanta 1 - ged a bhios iad 'son an droinneadh a fhuair iad bhon Mhanachainn ann an Cupa na Camanachd a dhìchuimhneachadh - is bha iad glè thoiliche le mar a chluich Gary MacFhearchair an t-seachdain seo chaidh is e air gluasad thuca bho na nàbaidhean aca Celtic.

Chaill Inbhir Aora 3-2 an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich Disathairne seo chaidh ach 's e faochadh a bhios ann dhaibhsan co-dhiù nach bi Raghnall Ros a' nochdadh ann an dathan an Òbain.

Anns na farpaisean pleit aig tuath tha An Gearasdan troimhe dhan chuairt dheireannaich mar thà is Bhoth Fhleisginn air tarraing às an fharpais is bidh na Sgitheanaich an ìre mhath dòchasach gun ruig iadsan a' chuairt dheireannach cuideachd is iad aig an taigh an aghaidh Inbhir Nis.

Dòchas

B' e an geama aca ann an Cupa MhicThàmhais an aghaidh Ghlinn Urchadain (0-1) an aon gheama a chaill na h-Eileanaich fhathast am bliadhna is tha iad an dòchas gum bi Shockie MacIllinneinn - a fhuair an tadhal a rinn a' chùis air Srath Ghlais Disthairne seo chaidh - fut gu leòr 'son cluich.

Sa phleit aig deas cluichidh Eilean Bhòid an aghaidh Obar Dobhair is bidh Baile Chaolais an aghaidh Shrath Chura.

Tha aona gheama sa Phrìomh Lìog is Ceann a' Ghiuthsaich a' cur fàilte air Loch Abar.

'S e là mòr a bhios ann do Chamanachd Leòdhais is iad aig an taigh 'son a' chiad turais am bliadhna le Cabar Fèidh a' tighinn a chèilidh orra.

Tha sgioba Srath Pheofhair aig mullach na lìge ach bidh Scott Moireach is Coinneach Moireach am measg na bhios a' siubhail 'son cluich dha na Leòdhasaich.

Bidh iad an dòchas gun tig sluagh mòr gu Siabost 'son am brosnachadh aig toiseach an sreath gheamaichean aig an taigh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh