Chan ionnan "No" 's an status quo
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, gun tig pàrtaidhean gu co-thuigse a thaobh tuilleadh fèin-riaghlaidh do dh'Alba ma bhòtas daoine an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum.
A' bruidhinn ann an Glaschu, dh'innis Mgr Camshron don BhBC nach b' ann gus taic do mar a tha cùisean a nochdadh a bha a bhith a' bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.
Thuirt e cuideachd gun robh an iomairt Nas Fheàrr Còmhla a' dèanamh obair mhath.
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach creideadh duine gealltanas bho na Tòraidhean air tuilleadh chumhachdan do dh'Alba.
Teaghlach de Nàiseanan
"Tha na pàrtaidhean uile a' cruthachadh an cuid mholaidhean fhèin. Chunnacas molaidhean bho na Làbaraich, tha sibh a' faicinn mholaidhean bho na Lib-Deamaich, gheibh sibh molaidhean bho na Tòraidhean an ceann beagan sheachdainnean," thuirt Mgr Camshron.
"Tha mi a' smaoineachadh gum faic a h-uile duine an Alba gu bheil na pàrtaidhean uile a tha dealasach mu bhith a' cumail ar teaghlach de nàiseanan còmhla, cuideachd dealasach mu thuilleadh fèin-riaghlaidh.
"Mar sin, bidh fios aig daoine a bhòtas an aghaidh neo-eisimeileachd nach ann dìreach airson chùisean mar a tha iad a tha iad a' bhòtadh, ach airson a' chuid as fheàrr bho gach roghainn.
"A bhith comasach air tuilleadh cho-dhùnaidhean a dhèanamh an seo an Alba, agus a bhith cuideachd mar phàirt den teaghlach mhìorbhailleach de nàiseanan a tha seo a th' air uiread a choileanadh san àm a chaidh seachad, agus a dh'fhaodas a' cheart rud a dhèanamh san àm ri teachd."
Thuirt Mgr Camshron, ge-tà, nach b' urrainn dha gealltainn gum biodh reachdas airson tuilleadh chumhachdan do dh'Alba an lùib a' chiad òraid a bheir a' Bhàn-righ seachad an dèidh an ath-thaghaidh choitchinn, ma bhios esan na Phrìomhaire.
Thug Mgr Salmond là dubh air a' ghealltanas bhon Phrìomhaire gun deadh fèin-riaghladh a leudachadh an dèidh an referendum.
"Cha chreid duine gealltanasan bho na Tòraidhean airson tuilleadh chumhachdan do dh'Alba, oir an turas mu dheireadh a thachair sin cha d'fhuaireadh ach Thatcherachas agus 18 bliadhna de riaghladh Tòraidheach dha nach do bhòt sinn.
"Tha làn-chead aig a' Phrìomhaire tighinn a dh'Alba, agus tha làn-chead againne faighneachd carson nach eil e deònach deasbad a chumail ann an Alba."
Alasdair Darling
Na bu tràithe an t-seachdain seo, dhiùlt an seann Seansalair Làbarach, Alasdair Darling, a th' air ceann na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, gabhail ri beachd gun deach a phutadh-san an dàrna taobh leis an iomairt, agus e ag ràdh gu bheil "iomadh guth" aig an iomairt.
Thuirt Mgr Camshron gun robh an iomairt Nas Fheàrr Còmhla a' dèanamh "sàr-obair", agus gur e Mgr Darling "gun teagamh an duine ceart a bhith os a chionn."
"Saoilidh mi gu bheil Alasdair a' dèanamh sàr-obair, tha iad a' cur argamaid dheimhinnich air adhart airson gum bu chòir do dh'Alba fuireach san Rìoghachd Aonaichte, ach tha iad cuideachd, gu ceart is iomchaidh, a' toirt rabhaidh air na cunnartan a tha an lùib dealachaidh.
"Cha chreid mi gum biodhmaid a' dèanamh ar n-obrach mar luchd-poileataigs mur a toireadh sinn rabhaidhean mu chuid de na cunnartan sin."
Ach thuirt Mgr Salmond gun robh turas a' Phrìomhaire ag obrachadh an aghaidh argamaid na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla.
"Tha fear-poileataigs Tòraidheach sam bith na chunnart do Nas Fheàrr Còmhla, agus 's e fìor-thrioblaid mhòr a th' ann do na Làbaraich gu bheil iad ceangailte ris na Tòraidhean - 's e fear de na h-adhbharan gu bheil an iomairt Bu Chòir a' dèanamh uiread de dh'adhartas, gu bheil na Tòraidhean air Nas Fheàrr Còmhla a ghabhail os làimh, 's gun deach Alasdair Darling a chur an dàrna taobh."
Thèid an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba a chumail air an 18mh là den t-Sultain, agus thèid faighneachd do luchd-bhòtaidh: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"