Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nigeria

Thuirt màthair fear à Breatainn a chaidh a mhurt leis a' bhuidhinn cheannairc Ioslamaich Boko Haram ann an Nirgeria bho chionn trì bliadhna, gum bu chòir saorsa a thoirt dha na murtairean mar dhòigh air saorsa fhaighinn do chòrr is 200 nighean-sgoile. Thug Boko Haram na h-ighnean sin am bruid bho chionn mìos. Chaidh Crìsdean MacMhànais, à Oldham, a chur am bruid agus a mhurt fhad 's a bha e ag obair mar einnsinìr ann an Nigeria ann an 2011. Tha e coltach gu bheil Boko Haram a-niste ag iarraidh an fheadhainn a rinn am marbhadh sin a leigeil a-mach às a' phrìosan mar phàirt de dh'aonta fo an deadh na h-ighnean a shaoradh.

E.on

Chuir Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem, càin de £12m air a' chompanaidh E.on airson a bhith ri reic mì-chothromach. Thèid an t-airgead a thoirt air ais do luchd-cleachdaidh. Seo am peanas as motha riamh a chuir Ofgem air buidhinn sam bith. Gheibh còrr is 300,000 duine £35 far an ath-chunntas.

Neo-eisimeileachd

Thuirt comataidh ann an Taigh nam Morairean, ma 's e agus gum bhòt Alba airson neo-eisimeileachd, nach bu chòir àite sam bith a bhith aig Buill-Phàrlamaid Albannach ann an Westminster anns na còmhraidhean an uair sin eadar Lunnainn agus Dùn Èideann. Agus tha Comataidh na Bun-reachd ag ràdh gum bu chòir casg bhon bharganachadh a chur cuideachd air ministearan Albannach ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt an SNP nach eil dad de bhrìgh anns an aithisg a chaidh a sgrìobhadh le luchd-poileataigs nach deach a thaghadh gu deamocratach.

Taghadh nan Ìnnsachan

Tha a h-uile coltas ann aig an ìre seo gur e a' phàrtaidh BJP, pàrtaidh dhùbhlain nàiseanta Hindu, a gheibh mòr-chuid san taghadh choitcheann anns na h-Ìnnseachan. Dh'aidich a' phàrtaidh riaghlaidh gun do chaill iad san taghadh, a mhair còig seachdainnean, agus anns an do bhòt còrr is 500m duine.

An Tuirc

Thuirt oifigich anns an Tuirc gu bheil iad den bheachd a-niste gun do chaill 284 duine am beatha ann an spreadhadh agus teine ann am mèinn ghuail ann an Soma Dimàirt. Tha 18 duine eile air nach eil sgeul aca.

Catamarain

Dh'iarr fear de chomhairlichean nan Eilean Siar, Dòmhnall Manford, deasbad às ùr bu bhàtaichean catamaran a chleachdadh air a' chosta an iar. Bha Mgr Manford aig aon àm na chathraiche air Comataidh Comhdhail Chomhairle nan Eilean Siar. Thàinig beachd Mhgr Mhanford an dèidh do Pentland Ferries a bhith ag ràdh a-rithist, le an eòlas air catamaran anns a' Chaol Arcach, gun obraicheadh iad anns a' Chuan Sgìth.