Taighean ùra sna Hearadh
- Air fhoillseachadh

Thèid suas ri deich taighean ùra a thogail air taobh Siar na Hearadh.
Thathas an dòchas gur e gluasad cudromach a bhios ann agus an sgìre air fulang a thaobh crìonadh sluaigh agus gainnead theaghlaichean òga.
An-dràsta, tha nas lugha na 120 duine a' fuireach air Oighreachd Taobh Siar na Hearadh.
Tha Urras Taobh Siar na Hearadh air ceithir làraich a reic aig prìs chothromach agus thèid sia taighean eile a thogail le Buidheann Taigheadais Innse Gall.
Cruaidh fheum
A rèir cathraiche an urrais, Murchadh MacAoidh, tha cruaidh fheum air taighean.
Thuirt e nach deach taighean comhairle idir a thogail san sgìre agus gun do dh'fhàg sin gun deach daoine a dh'fhuireach ann an àiteachan eile far am faigheadh iad taigh.
Chuir an t-urras coimhearsnachd rompa aig toiseach ghnothaich coimhead ris an t-suidheachadh, thuirt e.
"Chaidh dèanamh a-mach gu math trath an uair a bha sinn a' ceannach na h-oighreachd gun robh feum air làraich thaighean", thuirt Mgr MacAoidh.
"Bha gainnead de theaghlaichean anns an àite. Anns na bailtean bho Losgaintir sìos gu na Buirgh cha robh an uair sin ann ach aon duine fo aois sgoile.
"Chan eil againn ach beagan is 100 duine air taobh Siar na Hearadh agus bhiodh e na chuideachadh mòr nam biodh deich taighean eile le teaghlaichean annta anns an àite.
"Aon rud a bha a' tachairt bho chionn bliadhnaichean, 's e gun robh tòrr de na taighean a bha air an reic, chan e taighean còmhnaidh a bh' annta ach taighean do dhaoine air làithean-saora", thuirt e.
Leasachadh
Chan e seo an aon leasachadh a tha a' dol aig an urras an-dràsta.
Fhuair an t-uachdaran coimhearsnachd dearbhadh sa Ghiblean air taic-airgid £1m bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta.
Thèid an t-airgead a chosg air pròiseact gus ionad coimhearsnachd a thogail le goireasan airson muinntir an àite, do chompanaidhean beaga agus do luchd-turais.
'S ann aig Rubha Romagaidh ann an Horgabost a thèid a thogail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 3 An Giblean 2014