Fear a chaidh a bhàthadh ga ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Bàta-teasairginn an ÒbainTùs an deilbh, RNLI
Fo-thiotal an deilbh,
Bha bàta-teasairginn an Òbain am measg na bha an sàs san iomairt.

Chaidh duine a chaidh a bhàthadh far Ulbha aig an deireadh-sheachdain ainmeachadh gu h-ionadail mar Iain Rothach.

B' e iasgair às an sgìre a bh' ann am Maighstir Rothach a bha 60.

Chaidh bàtaichean-teasairginn an Òbain agus Tobar Mhoire a chur dhan uisge mu 0730 madainn Disathairne às dèidh brath gun robh fireannach air snàmh gu Ulbha à bàta beag is gun robh fireannach eile fhathast san uisge, is chaidh heileacoptair maor-cladaich Steòrnabhaigh an sàs san iomairt cuideachd.

Chaidh corp fireannaich a lorg air a' chladach air ceann a tuath Ulbha mu 0945.

"B' e suidheachadh duilich a bha seo agus tha call an duine gasda seo na bhuille chruaidh dhan choimhearsnachd air taobh siar Mhuile", thuirt Anndra McHaffie bho bàta-teasairginn Thobar Mhoire.

Thuirt Poileas na h-Alba nach robh dad amharasach mun bhàs.

Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh