Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pfizer

Thuit luach nan earrannan sa chompanaidh dhrugaichean Bhreatannach, Astra Zeneca, an diugh an dèidh dha tighinn am follais gun do dhiùlt am bòrd stiùiridh tairgse de £69bn bhon bhuidhinn Ameireaganaich, Pfizer. Thuirt AstraZeneca nach robh an tairgse ùr faisg air luach na companaidh agus gun dèanadh aonta sam bith aig an ìre sin mì-chinnt agus cunnart dhan chompanaidh.

Putin

Thuirt buidheann naidheachd na stàit anns an Ruis gun do dh'òrdaich an Ceann-suidhe Putin feachdan a bha a' trèanadh air na crìochan ris an Ucrain air ais dha na h-àiteachan anns a bheil iad stèidhichte mar as àbhaist. Chan eil e follaiseach fhathast dè a' bhuaidh a bheir sin air àireamh shaighdearan na Ruis air taobh eile na crìche faisg air taobh sear na h-Ucrain.

Òigridh

Thèid innse do cheannardan poileas agus do Rùnaire Ceartais na h-Alba, Coinneach MacAsgaill, an diugh gu bheil buidhnean eucoir a' trusadh chloinne cho òg ri dusan bliadhna a dh'aois. Tha buidhean cathranais am measg na tha aig co-labhairt Colaisde nam Poileas ann an Tulach Alain agus iad ag aithris mar a tha iad a' strì ri òigridh a ghlèidheadh bho ghràisgean a tha an sàs ann an reic dhrugaichean agus eucoir.

Ed Miliband

Tha ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, ag innse an diugh mu phlana airson dèiligeadh ri tuarasdal ìosal le gealltanas gun dèanadh riaghaltas Làbarach ceangal follaiseach eadar am pàigheadh as lugha a tha ceadaichte fon lagh agus cosnadh a rèir uairean obrach sa chumantas. Thuirt an dà chuid na Tòraidhean agus na Lib Deamaich ron seo gu bheil iad ag iarraidh àrdachadh san tuarasdal as ìosaile a tha ceadaichte fon lagh.

Rèididheachd

Tha buidheann de dh'eòlaichean a' moladh do Riaghaltas na h-Alba balla mara a' cur sa mhuir faisg air earran de chladach Fìobha a tha air a thruailleadh le rèididheachd. Tha am beachd anns an aithisg a sgrìobh a' chomataidh a tha a' sgrùdadh chùisean meidigeach far an deach rèididheachd dhan àrainneachd air an t-suidheachadh aig Bàgh Dhealgadaidh ann am Fìobha. Thuirt a' chomataidh gu bheil an truailleadh an sin na chunnart dhan mhòr-shluagh agus gum faodadh e fàs nas miosa mura tèid dad a dhèanamh. Tha dùil gun tàinig an rèididheachd à itealain cogaidh a chaidh fodha sa mhuir an dèidh an Darna Cogadh.

Taighean na Hearadh

Thèid deich taighean ùra a thogail air taobh Siar na Hearadh agus dòchas ann gun toir sin air daoine fuireach air neo a dhol a dh' fhuireach san sgìre. Tha an t-uachdaran coimhearsnachd, Oighreachd Taobh Siar na Hearadh, air ceithir làraich a reic agus togaidh Buidheann Taigheadais Innse Gall sia taighean eile.

Àrd-Sheanaidhean

Tha Àrd Sheanaidhean Eaglais na h-Alba agus na h-Eaglaise Saoire a' tòiseachadh ann an Dùn Èideann an diugh. Agus chaidh dearbhadh cuideachd gu bheil luchd-adhraidh a bhoineadh do dh'Eaglais na h-Alba ann an Steòrnabhagh air gluasad dhan Eaglais Shaoir. Dh'fhàg còrr 's 250 duine coithional Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh agus iad mì-thoilichte le atharrachadh ann am poileasaidh na h-Eaglais, gu h-àraid mu mhinistearan gèidh.