Plana airson taigh-grùdaidh ùr an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Tha plana ann airson taigh-grùdaidh agus ionad-tadhail a thogail an cois Abhainn Nis
Tha plana ann gus taigh-grùdaidh agus ionad-tadhail a thogail an cois na h-aibhne an Inbhir Nis.
Ma gheibh e cead, dheigheadh a thogail air talamh eadar 8 agus 10 Bruach Nis an ath-bhliadhna.
'S e Jon agus Victoria Eramus, a th' air a bhith a' ruith Taigh-òsta a' Ghlinne Mhòir agus Apartments at Ness Bank bho 2006, a th' air cùlaibh a' phlana.
Thuirt iad gun deigheadh leann ùr Gàidhealach a dhèanamh le uimheamachd às a' Ghearmailt agus grìtheidean Albannach.
Bhiodh bùth agus gaileiridh ealain anns an ionad-tadhail.
Thuirt an teaghlach Eramus gum faodadh a' phròiseict suas ri 12 cosnadh a chruthachadh.