Gealltanas nan Lib-Deamach air cumhachdan
- Air fhoillseachadh

Nì na Lib-Deamaich cinnteach gun tig cumhachdan a bharrachd gu Pàrlamaid na h-Alba, ma 's e is gun bhòt Albannaich an aghaidh neo-eisimeileachd.
'S e sin a thuirt ceannard a' phàrtaidh, Nick Clegg, is e a' toirt seachad òraid ann an Dùn Èideann Diluain.
Fo Achd na h-Alba 2012, bidh Pàrlamaid na h-Alba a' togail 30% dhen na bhios i a' cosg bho 2016.
Tha Mgr Clegg airson is gun tèid an cuibhreann sin a chur suas gu 50%.
Dh'aidich e gum feumadh aonta thar-phàrtaidh a bhith ann a thaobh cumhachdan a bharrachd do Holyrood.
Thuirt e ge-tà gu bheil "an tuilleadh chumhachdan a sgaoileadh na phàirt de dh'fheallsanachd nan Lib-Deamach agus gu maith mhuinntir na h-Alba".
"Aonta farsaing"
Nì na Lib-Deamaich cinnteach gun tig "aonta farsaing".
Thuirt tè de bhuill an SNP aig Holyrood, Annabelle Ewing, gun robh na Lib-Deamaich air a bhith a' gealltainn fèin-riaghladh fad còrr is 100 bliadhna is nach biodh daoine ann an Alba a' coimhead riutha ach mar ghealltanas air riaghladh a bharrachd bho na Tòraidhean à Westminster.
Thuirt i gun robh cothrom aig na Lib-Deamaich ann an 2011 cumhachdan eaconomach a bharrachd a chur dh'Alba is nach do chum iad ri gealltannas a bha iad air a thoirt seachad roimhe.
"'S e dùthaich bheartach a tha ann an Alba, nas beartaiche na an Rìoghachd Aonaichte agus an Fhraing, An Eadailt is Iapan - ach 's e bhòt 'son neo-eisimeileachd san t-Sultain an aon dòigh a bhios Albannaich cinnteach air cumhachdan a bharrachd fhaighinn gus obraichean a chruthachadh is dùthaich nas cothromaiche a stèidheachadh," thuirt i.