Buill ùra dhan Eaglais Shaoir an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhàg cuid den choithional is iad mì-thoilichte le seasamh Eaglais na h-Alba air ministearan gèidh.

Thàinig dearbhadh gu bheil an fheadhainn a dh'fhàg coithional Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh air gluasad dhan Eaglais Shaoir.

Dh'fhàg còrr 's 250 duine an coithional agus iad mì-thoilichte le seasamh Eaglais na h-Alba air ministearan gèidh.

Bha an t-seisean gu lèir am measg na chuir cùl ris an Àrd-Eaglais.

Dùil

Rinn iad adhradh san Àrd-Eaglais 'son an turais mu dheireadh aig deireadh a' Ghiblein is thuirt iad an uair sin gun robh làn dhùil aca a dhol còmhla ri eaglais eile san sgìre.

Aig an àm, thuirt Crìsdean Màrtainn, a bha na Chlarc an t-Seisein san Àrd-Eaglais, "nach robh feum againn a bhith sgapte air falbh bho na buidhnean a th' anns an eilean mar-thà, agus gum bi e na chuideachadh dha eaglaisean eile 's gum bi iadsan nan cuideachadh dhuinne".

'S ann dhan Eaglais Shaoir a thèid iad agus thathas an dùil gur e spionnadh mòr a bhios ann dhaibh-san.

Fàilte

Thuirt an t-Urramach Ìomhair Màrtainn bhon Eaglais Shaoir ann an Steòrnabhagh gur e suidheachadh duilich a bh' ann a thaobh Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh, ach gum bi fàilte bhlath air na buill ùra san Eaglais Shaoir.

Thuirt Mgr Màrtainn gu bheil eachdraidh làidir aig a' bhuidhinn a tha air tighinn dhan Eaglais Shaoir a thaobh obair an t-soisgeil a bhrosnachadh.

Bidh a' bhuidheann a' fuireach nan coithional fa-leth ge-tà seach a dhol còmhla ri coithional na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

"Nithean"

Thuirt Crìsdean Màrtainn gun robh iad airson sin a dhèanamh "air sgàth gu bheil dhà no trì nithean anns a' choithional again fhìn a tha sinn ag iarraidh a' cumail".

Dh'aidich an an t-Urramach Ìomhair Màrtainn gum bi dòighean eadar-dhealaichte gach coithional nan "dùbhlan" ach nach cuir e bacadh orra.

"Chan eil teagamh sam bith ach gu bheil diofaran ann eadar an dà choithional ach 's e rud math a tha sin, ann an dòigh.

Adhradh

"Bidh sinn ag adhradh le a bhith a' cleachdadh salm agus tha iadsan ag adhradh le a bhith a' cleachdadh laoidhean. Chan eil càil ceàrr air siud.

"Tha iadsan a' tighinn bho Eaglais na h-Alba far am biodh iad a' dèanamh rudan nan dòigh fhèin agus sinne mar an ceudna.

"S e dùbhlan a th' ann agus tha mi cinnteach gum faigh sinn air adhart le chèile agus gum faigh sinn co-chomann còmhla ri chèile, a' dèanamh rudan air sgath an t-soisgeil agus air sgàth a' bhaile anns a bheil sinn agus 's e sin rud a tha nar cridhe mar dhà choithional", thuirt e.

Cabhag

Thuirt Iain A Coineagan a tha na Chlarc an t-Seisein gu h-eadar-àmail aig Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh nach bi co-dhùnadh ann air ceist nam ministearan gèidh gu co-dhuibh 2015, is mar sin gun robh faireachdainn ann gun robh cus cabhag aig a' bhuidhinn a dh'fhàg.

Thuirt e ge-tà gu bheilear ag aithneachadh gu bheil "faireachdainnean is prionnsabalan glè làidir" ann is gu bheil "urram mòr ann" dhan dh'fheadhainn a dh'fhàg.

Dh'innis e gu bheil timcheall air 100 duine air fhàgail sa choithional aig Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh