"Tarraing mhòr" na h-Inbhe Dualchais

Tursachan Chalanais
Image caption Tha Gaeset Steòrnabhaigh air iomairt a chur air dòigh gus inbhe Làrach Dhualchais na Cruinne fhaighinn do Thursachan Chalanais.

Thàinig teachdaireachd às Arcaibh gum faodadh buannachdan mòra a bhith ann dha Leòdhas nan rachadh Tursachan Chalanais a chomharrachadh mar Làrach Dualchais na Cruinne.

Thòisich Gaeset Steòrnabhaigh iomairt gus inbhe nas àirde fhaighinn dha na Tursachan is iad den bheachd gun dèanadh leithid de rud feum mòr dhan eilean.

Nochd cuid ceistean mun iomairt ge-tà is fear de chomhairlichean na sgìre, Dòmhnall 'Cudaig' MacLeòid, ag ràdh gur ann às a' choimhearsnachd a bu chòir leithid de dh'iarrtas tighinn.

Dragh

Thog e dragh cuideachd an e buannachd no cnap-starra a bhiodh anns an inbhe.

Tha inbhe UNESCO aig ceithir làraich ann an Arcaibh; Skara Brae, Tursachan Bhrodgar, Ionad Tiodhlaigidh Maeshowe agus Tursachan Stenness.

A rèir mhuinntir an àite, tha an inbhe sin air feum mòr a dhèanamh dhaibh.

"Prìomh reusan"

"Chaidh rannsachadh a dhèanamh air turasachd is luchd-turais a tha a' tighinn a dh'Arcaibh agus 's e na làraich àrceolais, 's iad am prìomh reusan 'son daoine tighinn dha na h-eileanan", thuirt Ruairidh MacAoidh a tha a' fuireach ann an Arcaibh.

"Chan eil ach còig làraich ann an Alba aig a bheil an inbhe seo agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil teans an sin dha na h-Eileanan an Iar an inbhe fhaighinn cuideachd.

"Tha mi a' smaoineachadh mar as motha a gheibh àiteachan beaga iomallach an inbhe sin gu bheil e na tharraing mhòr dha na h-àiteachan sin agus a' toirt an teans dha àiteachan an reic mar àite far an tig luchd-turais", thuirt e.

Bacadh

Tha muinntir Arcaibh cuideachd a' cumail a-mach nach cuir inbhe Dhualchais bacadh sam bith air leasachadh.

"A thaobh dealbhachaidh, chan eil e a' dèanamh diofar sam bith", thuirt Stiùbhart West, a tha na oifigear-dealbhachaidh aig Comhairle Arcaibh.

"Chan eil dad a bharrachd ann na an stìuireadh a th' ann mar tha do làraich shònraichte aig ìre-stàite", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile