Drochaid Cheasaig fosgailte

Drochaid Cheasaig Image copyright Iain MacIlleathain
Image caption Tha obair-leasaichaidh mhòr air Drochaid Cheasaig an ìre mhath deiseil.

Tha gach taobh de Dhrochaid Cheasaig a' fosgladh do thrafaig tron là, mìos nas traithe na bha dùil.

Bha an t-slighe gu deas dùinte bhon Ghearran mar phàirt de dh'obair-leasachaidh £13m air an drochaid.

Bidh 30,000 carbad a' cleachadh na drochaid gach là.

Ged nach robh dùil gum fosgladh an drochaid gu lèir gu dèireadh an Òg Mhìos, tha Bear Scotland a-nise a' dèanamh dheth gum bi an obair deiseil gu math nas luaithe na sin.

Crìoch

Bidh an t-slighe gu deas fhathast dùinte air an oidhche gus an tèid crìoch a chur air an obair.

Thuirt Bear Scotland gur e seo a' chiad turas a chaidh stuth air a bheil Gussasphalt a chleachadh mar uachdar rathaid ann an Alba.

Tha iad ag ràdh nach bu chòir gum bi feum air obair-càiridh a bharrachd a-nise fad 30 bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile