Turas Rìoghail dha na h-Eileanan

Iarla agus Bana Iarla Wessex
Image caption Dh'fhosgail a' chàraid rìoghail 'An Seada' aig Eaglais Chuimneachaidh Mhàrtainn.

Tha Iarla agus Bana-Iarla Wessex air goireas ùr fhosgladh ann an Steòrnabhagh is iad chuairt dha na h-Eileanan an Iar.

'S e Ionad Òigridh is Coimhearsnachd a th' anns 'An t-Seada', a tha stèidhichte ri taobh Eaglais Chuimneachaidh Mhàrtainn.

Chosg an t-ionad £250,000 agus coithional na h-eaglais air trian den t-suim sin a thogail iad fhèin.

Tha iad an dòchas gum bi an t-ionad na mheadhan air ceanglaichean a bharrachd a stèidheachadh ri òigridh Steòrnabhaigh is a' choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Trang

Bha madainn thrang aig an Iarla agus a' Bhana-Iarla ann an Steòrnabhagh is iad cuideachd air tadhal air talla a' bhaile, Comann a' Chlò Hearaich agus an Drill Hall.

Às dèidh dhaibh a' mhadainn a chur seachad ann an Leòdhas, dh'fhalbh a' chàraid rìoghail air chuairt gu Barraigh feasgar.

Chaidh an dithis an toiseach gu Talla Bhàgh a' Chaisteil far an do choinnich iad ri buidhnean saor-thoileach, feadhainn a tha ag obair còmhla ris an òigridh nam measg.

Tha e coltach gun do chòrd Gàrradh a' Bhàgh a Tuath cho math ris a' Bana-Iarla is gun do dh'fhalbh i le cuid de na flùraichean aca.

Chan e seo a' chiad turas a tha Eideard, Iarla Wessex, air tadhal air na h-Eileanan an Iar is e ann nuair a bha e òg aig àm fosglaidh oifisean Comhairle nan Eilean Siar.

Bha a' chàraid rìoghail cuideachd anns na h-Eileanan aig fosgladh Talla an t-Òib is fosgladh Chabhsair Èirisgeidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo