Dàil air obair Àird Mhèanais

Leasachadh Àird Mhèanais
Image caption Tha làrach an leasachaidh na tàmh an-dràsta.

Chaidh dàil air leasachadh Chidhe Àird Mhèanais ann am Barraigh.

Bha muinntir an àite a' strì fad bhliadhnaichean gus am faigheadh iad cidhe ùr.

Chaidh cùmhnant luach £1.5m dhan chompanaidh MacInnes Brothers an-uiridh agus bhathas an dòchas bho thùs gum biodh an obair deiseil san Lùnasdal am bliadhna.

Dh'fhàg trioblaid ris nach robh dùil air grunnd na mara ge-tà gum b'fheudar an luchd-obrach a thoirt far na làraich an t-seachdain seo chaidh.

Feumaidh a-nise pìos den chidhe a dhealbhachadh às ùr.

Aonta

"Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ris a' chompanaidh airson aonta air aon phàirt dhe na ballachan far am bidh an cidhe ùr", thuirt Ceannard Leasachaidh Eaconomaich Comhairle nan Eilean Siar, Joe Mac a' Phì.

"Feumar beagan a bharrachd obair a dhèanamh agus feumaidh iad tighinn suas le plana ùr airson pàirt dheth. Anns an eadar-àma, tha sinn air aontachadh gun stad an obair gus am faigh sinn air seo a rèiteachadh agus an uair sin gun till iad agus gun cuir iad an cèill am plana ùr seo", thuirt e.

Mhìnich Mgr Mac a' Phì gu bheil grunnd na mara nas buige na bha dùil.

Rinn a' Chomhairle fhèin rannsachadh air grunnd na mara mus deach cùmhnant a thoirt seachad is thuirt Mgr Mac a' Phì gum feum iad coimhead a-nise air de chaidh ceàrr.

"S e sinn fhìn agus an fheadhainn a bha a' toirt dhuinn comhairle a chuir air chois gun dèanamaid rannsachadh air grunnd na mara an toiseach", thuirt e.

Duilich

"S e an adhbhar airson sin gu bheil thu a' toirt air falbh pàirt den chunnart co-dhiù a thaobh a bhith ag obair fon mhuir agus tha a h-uile duine a' tuigsinn cho duilich sa tha sin.

"S e sin aon de na rudan a bhios sinn a' rannsachadh an-dràsta, dè thachair an seo agus carson nach deach seo fhaicinn leis an fheadhainn a bha a' toirt dhuinn comhairle.

"Bidh sinn a' faighneachd nan ceistean sin agus a' dèanamh cinnteach gum faigh sinn freagairtean mionaideach air an son", thuirt e.

Dh'aidich Mgr Mac a' Phì gu bheil a h-uile coltas ann gum bi àrdachadh a-nise ann an cosgais na pròiseict.

Thuirt e gun cuir an suidheachadh a th' ann dàil air a' phròiseict ach gu bheil a' Chomhairle cinnteach gun tèid aca air crìoch a chur air an leasachadh air a' cheann thall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile