Gainnead fiodha air fàire

Tha gnìomhachas coilltearachd na h-Alba draghail gum faodadh fiodh a bhith gann às dèidh 2050 ri linn 's nach eil gu leòr chraobhan gan cur.

Tha a' bhuidheann Confor ag ràdh gur dòcha gum bi craobh 40 bliadhna a dh'aois mus bi i gu feum gu coimearsalta, agus gu bheil an àireamh de chraobhan a thathas a' cur an Alba air tuiteam bho na 1990an.

Thuirt Coimisean Coilltearachd na h-Alba gum bi stocan glè fhallain airson an ath 20 bliadhna, ach gum feum obair a bhith air a dhèanamh leis an roinn phìobhaidich gus dèanamh cinnteach gum fuirich iad fallain às dèidh sin.

Tha Confor ag ràdh gum faodadh dìth fiodha còrr air 1,000 cosnadh a chur ann an cunnart.