Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iasgairean

Tha dithis iasgairean chleibh slàn sàbhailte an dèidh dà là air chall aig muir far cost an ear na h-Alba. Thog bàt'-iasgaich eile an dithis, Jim Reid, a tha 75, agus ogha dha, Dàibhidh Irvine, a tha 35, nas traithe an diugh faisg air leth cheud mìle far Mon Rois agus iad mu leth cheud mìle an ear dheas air port Gourdon, dham boin iad. Tha e coltach gun robh iad fuar, acrach ach a bharrachd air sin, ceart gu leòr.

Gheat

Chaidh sprùilleach fhaighinn sa Chuan Shiar faisg air fear an deach gheat à Breatainn, le ceathrar criubha, às an t-sealladh bho chion faisg air seachdain. Chan eil dearbhadh sam bith ann am boin an sprùilleach dhan gheat a tha a dhìth.

Am Prionnsa Teàrlach

Tha coinneamh aig leas thosgaire na Ruis ann an Lunnain an diugh ri àrd-oifigeach bho Oifis nan Dùthchannan Cèin is iad a' deasbad aithrisean gun tuirt am Prionnsa Teàrlach gu bheil na tha an Ceann-suidhe Putin a' dèanamh anns an Ucrain coltach ris na rinn Hitler anns a' Ghearmailt aig àm nan Naiseach. Thuirt Whitehall gun do dh'iarr an Ruis a' choinneamh an-dè.

Am Post Rìoghail

Thuirt am Post Rìoghail, anns a' chiad aithris air ionmhas bho chaidh a' bhuidheann gu connspaideach dhan roinn phrìobhaidich an-uiridh, gun do rinn iad prothaid de chòrr 's £670m, suas 12% air an-uiridh. Bha an teachd a-steach bho lìbhrigeadh pharsailean suas 7%, nas àirde airson a' chiad uair a-riamh na an teachd a-steach bho a bhith a' lìbhrigeadh litrichean.

NHS

Thuirt Ombudsman nan Seirbheisean Poblach ann an Alba gu bheil leasachadh a dhìth air an dòigh sa bheileas a' dèiligeadh ri gearanan mun NHS. Tha briathran làidir ann an aithisg an Ombudsman, Jim Màrtainn, a tha ag ràdh gu bheil dàil agus mearachdan ann an dèiligeadh ri gearanan a' cur ri cion earbsa san t-seirbheis agus ris na tha daoine a' fulang co-dhuibh.