Ceistean mu chasg-astair ùr dhan A82

  • Air fhoillseachadh
A82Tùs an deilbh, N Chadwick / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Còmhdail Alba airson casg-astair 50msu a chur an sàs eadar Baile a' Chaolais agus an Gearasdan.

Nochd ceistean mu mholadh gus casg-astair ùr a stèidheachadh air cuibhreann den A82 ann an Loch Abar.

Tha a' bhuidheann Còmhdail Alba airson casg-astair 50msu a chur an sàs eadar Baile a' Chaolais agus an Gearasdan.

Chaidh bacaidhean a chur an sàs mar tha timcheall air Omhanaich.

Thog Stiùbhart MacIlleathain bhon bhuidhinn A82 Partnership, a bhios ag iomairt 'son an rathad a leasachadh, ceist mu na planaichean.

Slaodach

Tha Mgr MacIlleathain ag ràdh gu bheil trafaig a tha a' dol gu slaodach na chunnart is gur dòcha gum bi tubaistean a bharrachd ann ma thèid casg-astair 50msu a chur an sàs.

Dh'fhàg e air na h-ùghdarrasan gu bheil na poileasaidhean aca a thaobh an A82 a' toirt droch bhuaidh air eaconomaidh Taobh Siar na Gàidhealtachd.

Thuirt Mgr MacIlleathain cuideachd nach deach co-chomhairle a dhèanamh.

Thuirt Còmhdail Alba gum bi sia seachdainnean aig daoine gus am beachd mun phlana a thoirt am follais.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh