Mapa fearainn na h-Alba air fàire
- Air fhoillseachadh

Bidh clàr a tha ag innse cò leis a tha a h-uile pìos fearainn ann an Alba deiseil an ceann deich bliadhna, a rèir Rìaghaltas na h-Alba.
Dh'fhoillsich Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, am plana dìreach dà là às dèidh aithisg ùir a tha a' moladh crathadh air laghan fearainn na dùthcha.
An-dràsta, chan eil ach 26% de dh'fhearann na dùthcha air Clàr an Fhearainn.
Dihaoine, dh'fhoillsich Buidheann Sgrùdaidh Ath-leasachaidh an Fhearainn aithisg leis na molaidhean aca 'son lagh an fhearainn, is iad ag iarraidh, am measg eile, gun tèid crìoch a chur air na ghabhas de thalamh a bhith aig aon uachdaran prìobhaideach.
Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, gum beachdaich an Riaghaltas air na molaidhean sin, ach gu bheil e bunaiteach dhan ghnothach gum bi dealbh soilleir ann air cò leis a tha fearann na dùthcha.
Tha e ag ràdh gun gabh e dèanamh ann an deich bliadhna.
Thog a' bhuidheann Fearann is Oighreachdan na h-Alba ceist mu dheidhinn sin, is iad ag ràdh gur e pròiseact cosgail a bhios ann, is glè dhoirbh a thoirt gu buil ann an deich bliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An Cèitean 2014