Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Taghaidhean Eòrpach

Ghabh UKIP a' mhòr-chuid den bhòt ann an taghaidhean na Pàrlamaid Eòrpaich. Tha pàrtaidh Nigel Farage air 23 ball a ghlèidheadh air thoiseach air na Làbaraich agus na Tòraidhean. Chan eil air fhàgail aig na Libearalaich Dheamocratach ach aon bhall. Cha tig toradh na bhòta ann an Alba gus an till cunntas nan Eilean Siar an-diugh fhathast, ach tha dùil gum faigh an SNP dà seat, na Làbaraich dhà, agus aonan dha na Tòraidhean agus aonan do UKIP. Tha na Lib-Deamaich, a bha san t-siathamh àite, a' call an aon sheata a bh' aca an Alba.

Air feadh na h-Eòrpa rinn pàrtaidhean na fìor-làimhe deise, na fìor-làimhe clì, agus pàrtaidhean a tha a' strì an aghaidh bochdainn an t-adhartas as motha. Anns an Fhraing bha am Front National anns a' chiad àite le cairteal den bhòt, agus thuit na Sòisealaich a bha a' riaghladh anns an Fhraing dhan treas àite. Bidh prògram sònraichte againn air Radio nan Gàidheal a' tòiseachadh an ceann uair de thìde, aig meadhan là, le làn-chunntas air naidheachdan nan taghaidhean Eòrpach.

Naidheachdan eile an là:

Cosgaisean Stàite Ùire

Tha Roinn Ionmhais na Rìoghachd Aonaichte a' tomhas gun cosgadh e £1.5bn na buidhnean a bhiodh a dhìth air Alba neo-eisimeileach a stèidheachadh. Tha an tomhas stèidhichte air rannsachadh air sgìre neo-eisimeileach Quebec ann an Canada. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun cuir iad smachd air a' chosgais le siostam nas èifeachdaiche, leis gu bheil a' mhòr-chuid den bhun-structair ann mar thà.

Tòraidhean Obar Dheathain

Dh'fhàg ceannard na buidhne Tòraidheach air Comhairle Baile Obar Dheathain am pàrtaidh. Cha tuirt Fraser Forsyth dad ach gur e co-dhùnadh pearsanta a bh' ann. Bidh e a' fuireach na phàirt den cho-bhanntachd riaghlaidh, ach cha tèid e dhan bhuidhinn nep-eisimeileach anns an ùghdarras. Tha sin a' ciallachadh gur e Ros MacThòmais an aon chomhairliche Tòraidheach a th' ann an Obar Dheathain.

Sgoil Ealain Ghlaschu

Thuirt Sgoil Ealain Ghlaschu gu bheil iad a' gluasad obair nan oileanach, còmhla ri stuth eile a-mach à Togalach Mhic an Tòisich a chaidh a mhilleadh le teine Dihaoine. Tha iad den bheachd gun deach aca air còrr is dà thrian den stuth a bha san togalach a ghlèidheadh.

NHS na Gàidhealtachd

Chuir NHS na Gàidhealtachd dìon orra fhèin an dèidh aithrisean pàipeir-naidheachd air an deireadh-sheachdain mu ghearainnean an aghaidh sheirbheisean màthaireachd. Dh'aidich an NHS nach eil a h-uile dad cho math 's a bu chòir, ach thuirt iad gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill seirbheisean nas fheàrr a thoirt seachad.