Sgrùdadh comasachd mu Oighreachd nam Bàgh

Bàigh na Hearadh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thèid sgrùdadh a dhèanamh air a' bhuannachd a bhiodh ann dhan choimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh a cheannach.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air na buannachdan a bhiodh ann dhan choimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh a cheannach.

Tha a' bhuidheann-stiùiridh a' sireadh thagraidhean bho chompanaidhean gus an sgrùdadh a dhèanamh, is dùil aca na thig às fhoillseachadh tràth an ath-bhliadhna.

Bhòtaidh sluagh na sgìre air a' ghnothach an dèidh làimhe.

Fhuair a' bhuidheann airgead bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus bhon Crannchur Nàiseanta airson sgrùdadh a dhèanamh.

Dh'innis cathraiche na buidhne-stiùiridh, Dòmhnall MacIlleathain, gu bheilear a-nis a' sireadh thagraidhean bho chompanaidhean air Tìr Mòr airson sgrùdadh comasachd a dhèanamh air dè na buannachdan agus na duilgheadasan a bhiodh romhpa, nam biodh an oighreachd le, 's air a ruith le, muinntir an àite.

"Chan urrainn dhuinn an-dràsta a dhol a-mach 's faighneachd do mhuinntir an àite a bheil iad ag iarraidh an oighreachd a cheannach, thoradh chan eil fiosrachadh gu leòr againne no acasan dè a tha iad a' ceannach, no dè a bhiodh aca ri dhèanamh," thuirt e.

Coinneamhan poblach

Ge bith cò a nì an obair-sgrùdaidh, thuirt Mgr MacIlleathain gun tèid trì coinneamhan poblach a chumail anns an t-Òb, sna Bàigh agus ann an Beàrnaraigh, far an innis a' chompanaidh do mhuinntir an àite mun fhiosrachadh a fhuair iad.

Dheadh beachdachadh air cùisean leithid: dè a bheireadh barrachd obraichean dhan àite, a bheil càil ann a chumadh an òigridh san sgìre, 's a bheil càil ann a thàladh teaghlaichean ùra dhan àite.

Thathas an dòchas gum bi an rannsachadh deiseil ro dheireadh na bliadhna seo.

Thèid bhòt a chumail toiseach na h-ath-bhliadhna, goirid an dèidh nan coinneamhan poblach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo