Adhartas ga dhèanamh aig CnES
- Air fhoillseachadh

Tha aithisg ùr bho Chomisean nan Cunntasan ag ràdh gun do rinn Comhairle nan Eilean Siar adhartas mòr anns an dòigh sa bheil iad a' làimhseachadh an cuid airgid.
Thàinig piseach air cùisean aig ìre mhanaidseir agus lùghdachadh san àireamh de dhaoine a bha dheth tinn.
Tha an aithisg ag ràdh ge-tà, gum faodadh an t-ùghdarras barrachd adhartais a dhèanamh ann an cuid de roinnean.
Tha e na dhleastanas air Coimisean nan Cunntasan a bhith a' cumail sùil air an dòigh anns a bheil ùghdarrasan ionadail ann an Alba gan làimhseachadh fhèin, agus air an dòigh sa bheilear a' cosg no a' dèanamh feum den cuid airgid.
Aithisgean
On bhliadhna 2006, tha an Coimisean air trì aithisgean fhoillseachadh mu Chomhairle nan Eilean Siar; ann an 2006, 2011 agus 2012.
San aithisg a chaidh fhoillseachadh ann an 2012, chaidh grunn mholaidhean a dhèanamh a thaobh rudan a dh'fhaodadh a bhith na b' fheàrr aig a' Chomhairle.
Tha an aithisg as ùire a' sealltainn gun do ghabh a' Chomhairle ri mòran de na rudan a chaidh iarraidh orra, ag ràdh gu bheil e follaiseach gun tàinig atharrachaidhean ann an dòighean-obrach an ùghdarrais, leithid na dòigh sa bheil luchd-obrach gan làimhseachadh.
Thàinig lùghdachadh, mar eisimpleir, anns an àireamh de luchd-obrach a th' air a bhith dheth tinn, agus tha a-nis sgrùdadh bhliadhnail ga dhèanamh air dreuchdan an luchd-obrach.
Piseach
Sheall an aithisg cuideachd gu bheil roinnean agus suidheachaidhean air a bheil piseach fhathast a dhìth, leithid an dòigh anns a bheil a' Chomhairle a' làimhseachadh fiosrachaidh bho luchd-cleachdaidh nan seirbheisean aca.
Thuirt ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheil an t-ùghdarras a' cur fàilte air an aithisg seo, aithisg a chaidh a dhèanmah mar mheasadh air an dòigh anns an do làimhsich a' Chomhairle na molaidhean a chaidh a chur fan comhair às dèidh an sgrùdaidh mu dheireadh.
Thuirt e gu bheil an aithisg a' sealltainn gu bheil a' Chomhairle air deagh adhartas a dhèanamh bho chaidh na molaidhean mu dheireadh a dhèanamh.
Thuirt e cuideachd ge-tà, gu bheil e fhèin agus luchd-obrach na Comhairle mothachail gum faodadh iad tuilleadh adhartais a dhèanamh 's gu bheil iad ag amas air sin a choileanadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An Dùbhlachd 2012