Camarathan gan cur an sàs air an A9

  • Air fhoillseachadh
Tubaist air an A9
Fo-thiotal an deilbh,
Thathas an dùil gum bi an A9 gu lèir dùbailte ann 2025.

Tòisichidh obair an-diugh gus camarathan ùra a chuir air rathad an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis.

Thuirt oifigearan còmhdhail gun dèan iad an rathad nas sàbhailte, ach tha cuid eile ann a tha amharasach.

Thèid na camarathan a chur air 27 diofar phàirtean den rathad far nach eil e dùbailte.

Bidh iad a' tomhas an astair choitchinn aig a bheil càr a' siubhail.

Mar phàirt den leasachadh, thèid slighean a dhùnadh aig amannan, ach chan eil oifigearan còmhdhail an dùil gum bi maill mhòr air trafaig.

Misneachail

Thathas am beachd gum bi na camarathan deiseil san Dàmhair.

Thuirt oifigearan còmhdhail gun robh iad misneachail gun dèan na camarathan an rathad nas sàbhailte agus gun tig lùghdachadh anns an àireamh de thubaistean.

Tha cuid ann ge-tà, a tha a' cumail a-mach nach obraich iad.

Tha a' bhuidheann 'A9 Average Speed Cameras Are Not The Answer' air a bhith a' strì gum bi an Riaghaltas a' dèiligeadh ri dràibhearan a tha a' dol seachad air carbadan gu cunnartach.

Thathas an dùil gum bi an A9 gu lèir dùbailte ann 2025.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh